Luchd-smàlaidh gan gairm gu caisteal Dhùn Bheagain

Dùn Bheagain Image copyright Andrew Hackney/Geograph
Image caption Thuirt an luchd-smàlaidh gur e trioblaid le siostam teasachaidh a' chaisteil a bh' ann, 's nach robh cunnart mòr sam bith ann.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu Caisteal Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach madainn Diardaoin, an dèidh aithris gun robh ceò a tighinn à seòmar faisg air mullach an togalaich.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gur e trioblaid a bh' ann le siostam teasachaidh a' chaisteil, agus nach robh cunnart mòr sam bith ann.

Chunnaic ball den phoball an ceò, agus chuir iad fios air na seirbheisean èiginn.

Tha an caisteal air a bhith na dhachaigh do chinn-feadhna MhicLeòid o chion còrr is 800 bliadhna, agus 's e an caisteal as sine an Alba anns a bheil daoine fhathast a' fuireach.

Na bhroinn tha na h-uimhir de rudan prìseil eachdraidheil a bhuineas do Chlann MhicLeòid, leithid a' Bhrataich Shìthe.