Co-bhann eadar Taigh-Tasgaidh Gheàrrloch agus SMO

Taigh-Tasgaidh Gheàrrloch Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha mòran stuth san taigh-tasgaidh tro nach deach coimhead fhathast.

Tha Sabhal Mòr Ostaig air aonta a ruighinn le Taigh Tasgaidh Dualchais Gheàrrloch a bheir cothrom do dh'oileanaich an t-Sabhail na sgrìobhaidhean is na clàraidhean Gàidhlig a th' aig an taigh-tasgaidh a sgrùdadh.

Thathas cuideachd an dòchas gun dèan e beartas eachdraidh is dualchais Ghàidhlig na sgìre nas fhollaisiche dhan t-sluagh.

"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn airgead airson an taigh-tasgaidh a leasachadh, agus le buidhinn mar Sabhal Mòr Ostaig air ar cùlaibh, tha sinn an dòchas gun toir sin began taic a thaobh a bhith ag iarraidh airgid," thuirt Alice NicChoinnich, a tha na ball de chomataidh an taigh-tasgaidh.

"Ach tha e cuideachd cudromach o, cha chreid mi gu bheil fhios aig feadhainn dè uimhir 's a th' ann de stuth ann an Taigh-Tasgaidh Gheàrrloch.

Dol troimhe

"Agus bidh e gu math cudromach dhan t-Sabhal Mhòr gum b' urrainn oileanaich agus luchd-teagaisg cuideachd tadhail air an taigh-tasgaidh agus faicinn dè uimhir 's a th' ann.

"Tha mòran phàipearan is rudan, agus rudan air an clàradh. Òrain agus beul-aithris, a h-uile nì. Tha mòran de na stuthan sin ann.

"Bha mòran feadhainn ainmeil anns an sgìre a tha seo. Bha am bàrd Uilleam Ros, 's am Pìobaire Dall, agus feadhainn coltach ri Bàrd Thùrnaig.

"Agus pàipearan bho Kaye NicMhathain, agus tha an t-uabhas ann bho Roy Wentworth. Cha chreid mi gu bheil fhios aig duine dè uimhir 's a rinn an duine sin airson Gàidhlig.

"Tha sinn an dòchas gun tog e ìomhaigh an taigh-tasgaidh gu aire a' mhòr-shluaigh. Faodaidh neach sam bith a dhol a-steach 's faighinn dha na pàipearan a tha sin, 's coimhead riutha, 's èisteachd ri rudan cuideachd.

"Agus a thuilleadh air sin tha mòran stuth eile anns an taigh-tasgaich co-cheangailte ri dòigh-beatha an t-sluaigh.

"Cha d' fhuair an taigh-tasgaidh eadhon cothrom fhathast a dhol tro na th' ann, airson, uell, bha mòran feadhainn ag obair ann aig nach robh Gàidhlig.

"Agus tha mòran stuthan ann nach deach feadhainn troimhe ceart airson faighinn a-mach dè tha iad ag ràdh," thuirt i.