Barrachd chloinne ann am FMG

Clann-sgoile
Image caption Tha Bòrd na Gàidhlig ag amas air 800 sgoilear a bhith a' tòiseachadh ann am P1 ro 2017.

Tha an àireamh de chloinn a tha a' tòiseachadh air fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a dhol an-àirde.

Chaidh iad bho 400 ann an 2012, gu timcheall air 560 a-nise.

Tha Bòrd na Gàidhlig ag ràdh gu bheil iad toilichte le sin, 's gu bheil e a' toirt dòchais dhaibh.

Ach cha b' urrainn dhaibh a ràdh le cinnt gun coilean iad an targaid aca de 800 sgoilear a bhith a' tòiseachadh ann an 2017.

Togail air an àireimh

"Tha na h-àireamhan ann am P1 air a bhith ag àrdachadh gu mòr anns an dà no trì bhliadhnaichean a chaidh seachad," thuirt Oifigear Leasachaidh agus Ionnsachaidh a' Bhùird, Màiri NicIlleMhaoil.

"Nuair a thòisich am plana mu dheireadh ann an 2012, bha dìreach 400 againn a' dol a-steach gu Clas 1, agus trì bliadhna air aghaidh bhuaithe sin tha sinn air 560, no timcheall air an àireamh sin, ann am P1.

"So tha sinn a' faicinn àrdachaidh mhòir a' tighinn, agus ann an sgìrean air feadh Alba.

"So tha sin math, tha e a' dèanamh diofar gu bheil ro-sgoil, 's buidhnean pàrant is pàiste, 's cothroman do theaghlaichean 's barrach fiosrachaidh, 's tha sinn a' smaoineachadh gur e sin a tha a' toirt barrachd buaidh air - agus cuideachd pàrantan ag innse do phàrantan eile mu dheidhinn Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

"Tha sinn gu math gu math toilichte.

"Chanainn gur e àrdachadh mòr a th' ann o chionn, cuimhnich, chan e dìreach can a' chiad bhliadhna bha e aig 403 an uair sin, 's an uair sin aig 404, 424, 's an uair sin gu 480, agus tha e a-nise suas aig 560.

"Gach bliadhna, tha thu a' faighinn na h-àireimh sin a' tighinn a-steach.

"Ma choimheadas sibh air thairis air na dhà no trì bhliadhnaichean a chaidh seachad, tha còrr is 1,500 de chloinn, no barrachd, air tighinn a-steach gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha thu a' togail air an àireimh gach bliadhna.

"Chan urrainn dhomh a ràdh gun coilean no nach coilean sinn an t-amas againn (de 800 ann am P1 ro 2017) ach mar a tha gnothaichean a' dol an-dràsta tha an àireamh a th' againn a' coimhead gu math dòchasach," thuirt i.