Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghrèig

Leanaidh oidhirp mhòr an-diugh airson aonta mu shuidheachadh na Grèige. Bhruidhinn ceannardan na Grèige 's na Gearmailte ri chèile an-raoir, ach dhiùlt a' Ghearmailt leudachadh airson sia mìosan eile air iasad cobhair na Grèige, agus tha ministearan ionmhais Sòn an Euro a' coinneachadh anns a' Bhruiseal an-diugh a-rithist.

An Ruis

Chaidh fàgail air an Aonadh Eòrpach agus air Breatainn gun robh iad nan leth-chadal air an t-slighe chun na h-èiginn anns an Ugràin. Thuirt aithisg bho Thaigh nam Morairean gu bheil e fìor leibideach nach do mhothaich agus nach do thuig iad gun robh an Ruis a' tòiseachadh air coimhead air na h-Eòrpaich mar nàimhdean. Tha aithrisean ann an-diugh gun do ghabh na Reubaltaich aig a bheil taobh ris an Ruis smachd air còig bhailtean eile ann an sgìre Luhansk air taobh sear na h-Ugràin, agus gu bheil feachdan an Riaghaltais a' fàgail na sgìre.

Co-labhairt nan Tòraidhean

Tha Co-labhairt nan Tòraidhean ann an Alba a' tòiseachadh ann an Dùn Èideann. Iarraidh an ceannard, Ruth Davidson, feasgar an-diugh air a ballrachd fuireach còmhla ris na Tòraidhean, seach a bhith a' bhòtadh airson pàrtaidh eile mar dhòigh air fianais a thogail an aghaidh an SNP.

Plèana a' laighe ann an èiginn

Tha aithrisean ann gun tàinig air plèana le Loganair laighe ann an èiginn aig Port-adhair Obar Dheathain. Chan eil e follaiseach dè seòrsa èiginn a bh' ann, ach thàinig am plèana, a bh' air slighe eadar Dùn Èideann agus Arcaibh a-nuas gu sàbhailte ann an Obar Dheathain mu 10:30m an-diugh.

An Eilbheis

Chaidh na h-uimhir de luchd-siubhail a ghoirteachadh nuair a bhuail dà thrèana le chèile anns an Eilbheis. Thachair an tubaist faisg air a' chrìch ris a' Ghearmailt beagan tuath air Zurich goirid ro 07:00m an-diugh.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad toilichte le àrdachadh san àireamh chloinne a tha a' tòiseachadh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Chaidh sin suas bho 400 a' dol gu Clas 1 ann an 2012, gu 560 an-uiridh. Dh'aidich am Bòrd ge-tà nach eil iad cinnteach fhathast an tig iad air an targaid de 800 air a bheil iad ag amas ann an 2017.

Gràin Creidimh

Thuirt aithisg ùr mu bheachdan sòisealta gu bheil 88% de mhuinntir na h-Alba ag ràdh gu bheil ball-coise a' cur ri gràin creidimh. Thuirt 55% gur e am prìomh adhbhar. Agus tha an rannsachadh, anns an do ghabh 1,500 duine pàirt, ag ràdh gun do dh'èirich an àireamh de dh'Albannaich nach eil a' gabhail ri creideamh sam bith bho 40% bho chionn 15 bliadhna, gu 54% an-diugh.