Trom-laighe nan Tòraidhean

An do chaidil sibh gu math an-raoir?

Is coltach nach eil am Prìomhaire a' faighinn fois ann.

A rèir Dhàibhidh Chamshroin tha taibhse a' faontradh na Rìoghachd Aonaichte.

Dh'innis e do cho-labhairt Albannaich nan Tòraidhean gun robh trom-laighe air.

Nas miosa fiù 's na Ed Miliband a' goid nan iuchraichean do dhoras dubh Àireimh a Deich leis fhèin, bha an SNP gan toirt thuige aig taghadh a' Chèitein.

Mar uilebheist ann am fiolm uillteil, bhiodh Ailig Salmond air ais, a' taghadh riaghaltas na dùthcha a bu toil leis a bhriseadh suas.

Ionndrainn

Chòrd an ìomhaigh ris an fheadhainn anns an talla ann an Dùn Èideann.

Gu dearbh, is coltach gu bheil cuid air taobh an Aonaidh ag ionndrainn an t-seann Phrìomh Mhinistear, na nàmhaid fheumail a chleachdadh iad gus a t-eagal a chur air daoine.

Ach bidh na daoine a bha an làthair airson na h-òraid a' bhòtadh airson nan Tòraidhean co-dhiù.

'S e amas oifigeil a' phàrtaidh toirt air an taic a tha aca ann an Alba fàs agus, mar sin, cur ris an aon bhall Albannach aonarach a tha aca anns na Cumantan.

A rèir nan cunntasan-bheachd, tha sin a' coimhead duilich dhaibh.

Ach leis an dùil gum bi an taghadh seo cho faisg, dh'fhaodadh gach suidheachan a bhith cudromach.

Moiteil

Tha na Tòraidhean a' cruinneachadh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh ann am bhòt Albannaich, rud nach tachair gu tric anns an là a tha ann.

As t-Fhoghar, bhòt mòr-chuid de dh'Albannaich leotha airson an t-Aonadh a ghlèidheadh.

Tha am pàrtaidh air an dòigh le sin agus moiteil mun phàirt acasan anns an iomairt.

'S e an dòchas a tha aca gun tig cuid de na daoine a bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd thucasan ann an taghaidhean àbhaisteach.

Gu sìmplidh, their iad, ma tha thu a' creidsinn anns an Aonadh, bhòt airson pàrtaidh an Aonaidh.

Chì sinn an ceann 76 là an obraich an teachdaireachd sin dhaibh.