Obair a' tòiseachadh air Ostal an Eastgate
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tòisich obair Diluain gus seann ostail òigridh an Inbhir Nis a dhèanamh sàbhailte.
Chaidh Ostail an Eastgate a mhilleadh ann an teine bho chionn dà bhliadhna.
Thàinig air còrr is 50 duine teicheadh bhon togalach, ann am meadhan Inbhir Nis, nuair a thòisich an teine anns a' Ghiblean 2013.
Na bu tràithe air a' mhìos seo, chuir Comhairle na Gàidhealtachd fios air an fheadhainn leis a bheil an togalach gun robh e cunnartach is gum feumadh iad a dhèanamh sàbhailte.
Tha a' Chomhairle ag ràdh a-nise gu bheil iad air fios fhaighinn gun deach companaidh fhastadh gus an obair a dhèanamh is gu bheil dùil aca tòiseachadh air a' phròiseact Diluain.
Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad fhèin a' cumail sùil gheur air a' ghnothach gus an tèid an obair a dhèanamh cho luath 's a ghabhas.