Duine air a ghoirteachadh ann an teine an Inbhir Nis

Chaidh fireannach a thoirt don ospadal an dèidh dha a bhith air a losgadh agus taigh air a dhol na theine ann an Inbhir Nis.

Chaidh fios air na seirbheisean èiginn gun robh teine air gabhail aig taigh air Sràid Abban mu 08:45m, agus thugadh an duine a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Dhùin na Poilis Rathad Loch Aillse, faisg air làimh, ri linn an teine, agus tha na Poilis ag iarraidh air daoine an sgìre a sheachnadh.