"Barrachd a dhìth" bho SSE

Suaicheantas SSE Image copyright Other
Image caption Tha SSE a' cur cìs 2sg a bharrachd air gach aon dealain anns a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan

Tha luchd-iomairt a choinnich ris a' chompanaidh chumhachd SSE ag ràdh gum feum a' chompanaidh barrachd a dhèanamh airson luchd-cleachdaidh air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a chuideachadh.

Tha cìs 2sg a bharrachd ga chuir air gach aon dealain a thèid a reic leis a' chompanaidh ann an ceann a tuath na h-Alba - a' fàgail gur ann aig muinntir a' chinn a tuath a tha an dealan as daoire anns an rìoghachd.

Tha SSE ag ràdh gur e ceist a tha seo dhan ghnìomhachas air fad, agus gu bheil iad-san ag iomairt airson prìs nàiseanta a stèidheachadh airson an dealain.

Bochdainn connaidh

Thuirt Iain MacÌomhair bho Bhuidheann Taigheadais Innse Gall nach eil iad a' gabhail ris nach urrainn dha SSE na prìsean aca fhèin a lùghdachadh an-dràsta.

"Tha sinn toilichte obrachadh còmhla riutha agus taic a thoirt dhaibh a' bruidhinn ris an Riaghaltas mu dheidhinn aon phrìs air feadh na rìoghachd ach 's e a tha sinn ag iarraidh fhaicinn bho SSE ach gun dèan iad fhèin rudeigin air an ceann fhèin" thuirt e.

Thug e rabhadh dhan chompanaidh cuideachd gun cùm an iomairt aca-san a' dol mura lùghdaich iad an cuid phrìsean.

"Tha sinn ag ràdh ri SSE gu bheil sinn a' dol a chumail a shabaid airson ceartas airson na Gàidhealtachd, 's tha sinn ag ràdh ri SSE mura h-obraich iad còmhla rinn airson seo a thoirt gu ceann gum bi sinn a' sabaid nan aghaidh".

Ann an aithisg ùir, tha comataidh na cumhachd ann an Westminster cuideachd a' cur taic ri prìs nàiseanta airson an dealain agus a' ghas 's iad ag ràdh gu bheil an siostam a th' ann an-dràsta ro thoinnte le diofar phrìsean ann an diofar sgìrean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile