Ceist mu Oighreachd a' Chrùin

Oighreachd a' Chrùin
Image caption Tha prothaidean bho fhearann a tha le Oighreachd a' Chrùin, a' dol chun na Stàite.

Tha BPA Chataibh, Ghallaibh agus Rois, Rob Gibson, a' cur às leth Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, gu bheil iad a dh'aona-ghnothach a' cur maill air plana gus cumhachdan Oighreachd a Chrùin a thoirt do dh'Alba.

Tha Mgr Gibson ag ràdh gu bheil e an ìre mhath foillaiseach gun tèid cumhachdan air cladaichean na h-Alba a thoirt an toiseach do Mhinistearan ann an Riaghaltas na h-Alba, agus an uair sin do na ùghdarrasan ionadail fa-leth.

Ach, tha e ag ràdh, chan eil fiosrachadh follaiseach ann fhathast mu na thachras nas fhaide air falbh bho na costaichean.

Tha seo agus Ministearan agus riochdairean nan Ùghdarrasan ionadail a' coinneachadh 'son chòmhraidhean a thaobh an tuilleadh chumhachdan do dh'eileanan na h-Alba.