Oifigear Leasachaidh Gàidhlig am Bràgair

Bràgair Image copyright John Allan / Geograph
Image caption Tha an t-urras ag amas air cosnaidhean a chruthachadh san sgìre ri linn na Gàidhlig.

Tha oifigear leasachaidh Gàidhlig ùr air tòiseachadh air taobh siar Leòdhais.

Buinidh cuideachd Eoghainn MhicLeòid do Bhràgair agus tha Urras Coimhearsnachd Bhràgair is Arnoil air an dreuchd a chruthachadh airson leasachadh a thoirt air a' chànan agus an eaconamaidh san sgìre.

Tha a' bhuidheann a' feuchainn ri ionad coimhearsnachd a chruthachadh air a stèidheachadh air a' Ghàidhlig.

Tha Eoghainn ag ràdh gu bheil e a' faighinn tòrr taic bho mhuinntir na coimhearsnachd.

Ostail agus Cafaidh

"Tha diofar roinnean san dreuchd agam," thuirt e.

"Sa chiad àite tha mi ag obair leis a' choimhearsnachd, agus a' cur chùisean air dòigh dha muinntir Bhràgair agus Àrnoil - clasaichean agus tachartasan eile, consairtean, cèilidhean is rudan den t-seòrsa sin.

"'S mi a' chiad duine a tha ag obair dhan urras. Tha mi a' cumail chùisean a' dol anns an togalach fhèin. Sin seann Sgoil Bhràgair, agus 's e Grèineabhat a thagh an t-urras mar ainm dhan togalach.

"Tha a h-uile biod obair rianachd, tha mi a' dèiligeadh ri sin. Agus taobh eile, 's e am pròiseact mòr a th' againn, feuchainn ris an togalach gu lèir a leasachadh agus goireasan ùra a chur a-steach ann a bheir a-stach airgead agus a bhrosnaicheas a' choimhearsnachd ann an dòigh eaconamaich.

"Fhuair sinn taic-airgid bho dhiofar bhuidhnean - Bòrd na Gàidhlig agus HIE - agus tha sinn taingeil airson sin.

"Tha sin a' toirt dhuinn a' chothrom am pròiseact a thòiseachadh, agus a h-uile rud a thoirt air adhart.

"'S e am plana a th' againn, ostail a chur ann. Tha sinn an dùil gum biodh ùidh mhòr ann an ostal anns an sgìre againn, agus gun cuireadh sin diofar dhreuchdan air dòigh, pàirt-ùine agus làn-ùine dha muinntir nam bailtean. Oir chan eil an t-uabhas ann an-dràsta.

"'S mar sin 's e ostail agus cafaidh an dà dhòigh a tha sinn an dùil an t-àite a bhrosnachadh gu h-eaconamach.

"Tha tòrr chloinne san sgìre, agus 's e fear de na prìomh amasan againn, a bhith a' cur thachartasan agus chùisean air dòigh airson na cloinne, agus airson nan seann daoine. Oir tha barrachd den dà chuid againn ann am Bràgair is Àrnoil. Barrachd na an àbhaist airson Alba.

"Agus bho dhùin an sgoil ann am Bràgair, chaidh na sgoilearan an dà thaobh, gu Siabost agus Sgoil Bharabhais.

"Bu toil leinn àite a chur air dòigh dhaibhsan far am faod iad cluich agus ionnsachadh ann am Bràgair," thuirt e.