Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

24 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sir Malcolm Rifkind

Tha Sir Malcolm Rifkind a' fàgail a dhreuchd mar Bhall-Pàrlamaid aig an taghadh choitcheann agus mar chathraiche air a' chomataidh Phàrlamaid airson seirbheisean fiosrachaidh agus tèarainteachd. Bha na h-uimhir de chuideam air an dreuchd fhàgail ged a tha e fhèin, agus an Làbarach Jack Straw, a bha le chèile aig aon àm nan Rùnairean Cèine, a' dol às àicheadh gun do rinn iad dad ceàrr. Tha sin a dh'aindeoin 's gun deach an clàradh gun fhiosta dhaibh, a' tabhann an cumhachd agus ceanglaichean airson pàigheadh.

Àireamhan NHS

Tha àireamhan ùra a' sealltainn nach tàinig an NHS ann an Alba air an targaid airson leigheas do dhaoine air taobh a-staigh 18 seachdainnean neo a rèir an dleastanais fon lagh, leigheas a thoirt seachad air taobh a-staigh dusan seachdain. Thàinig air còrr 's 2,000 duine feitheamh nas fhaide na sin eadar an Damhair agus an Dùbhlachd an-uiridh.

Ola agus Gas

Chaidh rabhadh gum feum gearradh-cìse a thoirt do chompanaidhean ola agus gas ann an uisgeachan Bhreatainn neo gun caill ceudan dhaoine an cosnadh. Tha sgrùdadh bliadhnail Oil and Gas UK ag ràdh gu bheil cosgaisean obrach àrda agus prìs na h-ola a' tuiteam a' fàgail fada nas lugha de rannsachadh ann 'son ola ùir.

Eaconamaidh na Grèige

Dh'èirich na margaidhean ionmhais anns an Àithne gu làidir an dèidh do Riaghaltas na Grèige liosta fhoillseachadh den ath-leasachadh eaconamach a tha nam beachd. Bidh ministearan ionmhais Sòn an Euro a' beachdachadh an-diugh fhathast air airgead cobhair na Grèige a leudachadh airson ceithir mìosan eile.

Port-adhair Phreastabhaig

Chàidh Rùnaire Bun-structair na h-Alba, Keith Brown, às àicheadh gun do chleith Riaghaltas na h-Alba na chosg cobhair air port-adhair Phreastabhaig. Cheannaich an Riaghaltas am port-adhair air £1 bho chionn dà bhliadhna, ach tha na Làbaraich agus na Lib-Deamaich ag ràdh a-niste gu bheil cosgaisean air èirigh gu £40m bhon uair sin. Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gur dòcha gun deach dealbh nas dòchasaiche na bu chòir a dhèanamh air a' phort-adhair ach gun robh e reusanta gu leòr do Riaghaltas na h-Alba a cheannach.

Oighreachd a' Chrùin

Tha fear de bhuill Chataibh ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rob Gibson, a' fagail air Roinn an Ionmhais aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach eil iad ag ìnnse gu follaiseach dè na cumhachdan a bhuineas do dh'Oighreachd a' Chrùin an-dràsta, a thèid fo smachd Riaghaltas na h-Alba agus nan ùghdarrasan ionadail. Tha riochdairean nan trì Comhairlean Eileanach a' coinneachadh ri Ministearan Riaghaltas na h-Alba an-diugh a dheasbad tuilleadh chumhachdan dhaibh.