SHAMED: "Riaghaltas gun stiùir" air glèidhteachas mara
- Air fhoillseachadh

Bheir sgìre ghlèite mara (SAC) mu Mhiughlaigh, buaidh gu math nas motha air iasgairean, na bha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh an toiseach, a rèir na buidhne SHAMED.
Bha iad a' freagairt co-chomhairleachaidh an Riaghaltais air a bhith a' stiùireadh leithid de sgìrean.
Tha iad ag ràdh gu bheil an t-iasgach air a chasg ann an sgìre gu math nas fharsainge na bha dùil.
Tha iad cuideachd den bheachd gur e buidhnean glèidhteachais a tha a' stiùireadh an Riaghaltais a thaobh sgìrean glèidhteachais.
Buidhnean Uaine
"Thug sinn an aire, às dèidh nan geallaidhean a thug am ministear seachad trì no ceithir bliadhna air ais, gun robh atharrachadh ga dhèanamh air na làraichean, agus na h-àiteachan far an tug iad gealltanas dha na h-iasgairean gum faodadh iad obrachadh," thuirt Cathraiche SHAMED, Aonghas MacLeòid.
"Thug sinn cuideachd an aire gun robh barrachd putadh a' tighinn a-steach bhon leithid Scottish Environmental LINK.
"Bha sinn a' faighneachd dè thachair dhan ghealltanas a chaidh a thoirt seachad dha na coimhearsnachdan gum faodadh iasgach a chumail a' dol.
"Agus a rèir choltais tha iad a' dol a chur stad air a h-uile seòrsa iasgaich, chan e dìreach pàirt den tràladh faisg air na sgeirean ann.
"Tha e a' toirt a-steach an àite uile," thuirt e.
Tha a' bhuidheann cuideachd a' cur às leth an Riaghaltais nach eil iad aig an stiùir a thaobh glèidhteachais mhara a-niste.
"On toiseach, bha iad ag ràdh nach robh feum sam bith air plana stiùiridh airson Miughlaigh. Ged a bha sinne ag ràdh gum bu chòir dha a bhith air a chur air aghaidh, aig an àm a bha sin cha robh ann ach seachd planaichean airson sgìrean SAC a mhanaidseadh, a-mach à còrr is 100 sgìre.
"Ach a-niste tha iad ag iarraidh dhan a h-uile sgìre ghlèidhte, plana a bhith ann airson am manaidseadh. Niste 's e atharrachadh mòr a tha seo.
"Agus 's e rud nach eil fhios againn cò às an tàinig e.
"Ach tha sinn an amharas gur e an neart aig na buidhnean uaine, a th' air a bhith a' putadh airson, chan e dìreach sgìrean SAC, ach MPA, is SPA cuideachd.
"Tha e gu math doirbh do bhuidhinn bhig, agus daoine a tha ag obair làn-ùine, a riochdachadh agus cumail a' strì an aghaidh seo.
"Tha na daoine a tha a' putadh nan rudan a tha seo tha a' chuid as motha aca a' faighinn pàigheadh airson a bhith a' sgrùdadh, agus a' faighinn airgid airson rannsachaidh shaidheansail.
"Ach dh'iarr sinne cheanna air a' mhinistear cuideachadh fhaighinn airson strì na aghaidh, agus chaidh a dhiùltadh dhuinn.
"Tha e gu math doirbh do choimhearsnachd sam bith a dhol an aghaidh nam buidhnean a tha seo.
"Agus gu h-àraid nuair a tha a h-uile sian a th' ann ga chur air aghaidh a thaobh ghnothaichean saidheansail, agus chan eil guth air dè a' bhuaidh a th' aige air na coimhearsnachdan a thaobh obrach agus airgead a' dol mun cuairt anns na coimhearsnachdan," thuirt e.
Tha Radio nan Gàidheal a' feitheamh freagairt bhon Riaghaltas mu chasaidean Mhgr MhicLeòid.