Coinneamh mu iomairt Ghàidhlig an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Cluinnidh coinneamh ann an Steòrnabhagh oidhche Chiadain gur iad inbhich seach clann as cudromaiche do leasachadh na Gàidhlig.
'S e Fionnlagh MacLeòid bho Ionad Cànain Mhoireibh a chuir a' choinneamh air dòigh, agus iomairt shònraichte gu bhith aig a' bhuidhinn ann an Leòdhas.
Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gu bheil atharrachadh mòr a dhìth air ar feallsanachd ann an Alba a thaobh leasachaidh chànain.
""Seo rud a tha cho annasach a thaobh Alba an-dràsta, gu bheil cha-mhòr a h-uile dùthaich air feadh an t-saoghail, a' gluasad gu bhith a' faicinn gu bheil inbhich mòran nas cudromaiche na tha clann a thaobh cànan a chur air adhart chun an ath-ghinealaich.
Luath
"Tha an cànan a tha seo a' dol sìos gu math luath.
"Mur an urrainn dhuinn luchd-ionnsachaidh a thoirt gu bruidhinn luath - 's tha mise a' bruidhinn air luath - chan eil adhbhar air thalamh nach bi luchd-ionnsachaidh a' tighinn gu bruidhinn ann an còig, sia, seachd seachdainnean.
"An-dràsta tha e a' toirt deich bliadhna. No fichead bliadhna.
"Cha dèan sin càr de dh'fheum do choimhearsnachd no do chànan sam bith," thuirt e.
Bidh aire na coinneimh air mar a thogas inbhich cànan gu math luath, agus a' chainnt a dh'fheumas pàrantan a thaobh a bhith a' togail chloinne.
Bheirear sùil cuideachd air mar a thogar coimhearsnachd chànain.
"Ma tha a' choimhearsnachd a' dol às a chèile, no mura h-eil inbhich a' bruidhinn Gàidhlig ri chèile, ciamar dha-rìribh a tha thu a' togail coimhearsnachd?," thuirt Mgr MacLeòid.
"Càite a bheil thu a' tòiseachadh, agus dè na ceumannan às a dhèidh?
"Tha an sgoil cudromach. Chan eil dà dhòigh air sin.
"Ach chan urrainn do chloinn coimhearsnachd a thogail.
"Chan urrainn do chloinn ath-nuadhachadh a dhèanamh air coimhearsnachd.
"Chan eil iad anns an sgoil ach airson 's dòcha 30 uair de thìde san t-seachdain - tha iad aig an taigh airson dà uiread.
"Ach 's e inbhich a tha a dhìth ma tha thu airson cànan a chur air adhart.
"Fiù 's ged a dheadh a' chlann tron sgoil, chan eil a' chainnt aig na pàrantan a thaobh a bhith a' bruidhinn ri leanaban.
"Agus cuideachd, cainnt a tha san dachaigh, tha e nas cudromaiche na cainnt anns an sgoil.
Àireamhan
"Tha an sgoil mar phàirt den choimhearsnachd. Tha inbhich mar phàirt den choimhearsnachd. Tha a h-uile càil a th' ann mar choimhearsnachd.
"Chan urrainn don sgoil agus don chloinn an gnothach a dhèanamh leotha fhèin. Mura h-eil pàrantan a' bruidhinn Gàidhlig a-staigh, tha e cho duilich faicinn ciamar a mhaireas cànan," thuirt e.
Sheall figearan a' chunntais-shluaigh mu dheireadh gu bheil a' Ghàidhlig a' crìonadh anns na h-Eileanan Siar, Chan eil Mgr MacLeòid a' coimhead air àireamhan a-mhàin ge-tà.
"Tha diofar dhòighean air sealltainn ris a' ghnothach. Chan eil mise a' sealltainn air figearan.
"'S e cò na daoine a th' agad anns a' choimhearsnachd, agus dè tha thu a' dèanamh leis na daoine sin.
"A bheil iad a' gabhail pàirt anns na gnothaichean? A bheil na gnothaichean, cur-seachadan is eile, gan ruith anns a' Ghàidhlig?
"Ma tha iad gan ruith sa Bheurla, carson a tha daoine gu bhith a' bruidhinn na Gàidhlig ri chèile?
"Feumaidh tu sealltainn air a' ghnothach mòran nas fharsainne na dìreach àireamhan."
Thèid a' choinneamh sin a chumail ann an Taigh-Òsta Chabairfèidh ann an Steòrnabhagh oidhche Chiadain bho 7:30f.