Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Obair Phàighte Bhall-Pàrlamaid Albannach

Tha ceannard nan Làbarach an Alba, Jim Murphy, ag iarraidh casg air buill ann am Pàrlamaid na h-Alba bho a bhith a' gabhail obair phàighte sam bith eile. Thuirt e gun atharraich na Làbaraich an lagh mu choinneimh sin ma 's e 's gun soirbhich leotha aig taghadh Holyrood an ath-bhliadhna. Chuir Mgr Murphy litir gu àrd-oifigeach Phàrlamaid na h-Alba, Trisha Marwick 's e ag iarraidh oirre a' chùis a chur gu Comataidh Inbhe na Pàrlamaid gus am beachdaich iad air Còd nam Ball ann an Holyrood atharrachadh.

Bacadh air Leapannan

Tha figearan air an d' fhuair am BBC ann an Alba sealbh ag ràdh gun robh còrr is 1,000 leabaidh gach là ann an ospadail na h-Alba air a' Gheamhradh seo nach gabhadh cur gu feum ceart oir gun robh euslaintich annta a bha falain gu leòr airson a dhol dhachaigh. Gheall Riaghaltas na h-Alba £100m bho chionn ghoirid airson leasachadh air an t-suidheachadh sin, ach tha na Làbaraich ag ràdh gum feum an Riaghaltas faighinn a-mach cuideachd carson a tha an trioblaid nas miosa aig cuid de na Bùird-Shlàinte na tha aig feadhainn eile.

An Ugràin

Tha aithrisean air taobh sear na h-Ugràin gu bheil feachdan Reubaltach a' cruinneachadh faisg air Port Mariupol. Tha dragh air Riaghaltas na h-Ugràin gu bheil na Reubaltaich a' gabhail brath air cho cugallach 's a tha an fhois-fòirneirt airson grèim a dhèanamh air tuilleadh fearainn.

Fònadh gun Iarraidh

Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte riaghailtean nas cruaidhe air companaidhean a tha a' buaireadh dhaoine le bhith a' fònadh gun iarraidh orra. Bheir na riaghailtean ùra cothrom do luchd-riaghlaidh càin cho mòr ri £500,000 a chur an sàs.

SHAMED

Thuirt a' bhuidheann iomairt SHAMED gun toir sgìrean glèidhte aig muir mun cuairt air Miughlaigh buaidh gu math nas motha air iasgairean na bha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh. Agus ann am freagairt do cho-chomhairleachadh an Riaghaltais air stiùireadh sgìrean glèidhte aig muir. Tha SHAMED ag ràdh gu bheil iad an amharas gur e buidhnean uaine a tha a' toirt comhairle air an Riaghaltas mu sgìrean glèidhteachais.

Leasachadh na Gàidhlig

Thèid innse do choinneimh ann an Steòrnabhagh a-nochd gu bheil oideachadh inbheach a cheart cho cudromach ri oideachadh cloinne do leasachadh na Gàidhlig. 'S e Fionnlagh MacLeòid bho Ionad Cànain Mhoireibh a chuir a' choinneamh air dòigh, agus iad a' cur iomairt shònraichte air bhonn ann an Leòdhas. Tha esan ag ràdh gu bheil atharrachadh mòr a dhìth air feallsanachd ann an Alba a thaobh leasachaidh chànain. Bidh a' choinneamh sin ann an Taigh-Òsta Chaberfeidh ann an Steòrnabhagh a-nochd aig 7:30f.