Bacadh air uardan ospadail

Sheall fiosrachadh a fhuair am BBC ann an Alba gun robh mòran euslainteach ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir agus Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh na b' fhaide na bha còir thairis air àm na Nollaige 's na Bliadhna Ùire air sgàth 's nach robh cùram air a chur air dòigh dhaibh ann an àite eile.

Dh'fhaodadh seo a bhith a' gabhail a-steach àite ann an dachaigh-chùraim, cùram do dhaoine nan dachannan fhèin neo goireasan a chuidicheadh iad am broinn an taighe.

Bha 150 leabaidh ospadail gan call anns an dòigh seo ann an ospadail na Gàidhealtachd agus nan Eilean Siar gach là thairis air àm na Nollaige agus na Bliadhna Ùire.

Bha an suidheachadh gu h-àraidh dona ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh air sgàth cion àitean ann an dachannan-cùraim.

"Piseach"

Dh'aidich Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, nach eil na h-àireamhan math gu lèor, ach thuirt i gur ann a tha an suidheachadh le euslaintich a bhith anns an ospadal nas fhaide na tha còir air fàs nas fheàrr fo Riaghaltas an SNP.

Dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba bho chionn ghoirid gun tèid £100m a chosg a' dèiligeadh ris an trioblaid seo ann an ospadail air feadh na dùthcha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile