Faochadh leapannan air fàire?

Leapannan-ospadail
Image caption Tha gainnead ghoireasan cùraim eile a' fàgail euslainteach ann an leapannan air a bheil feum aig daoine eile.

Tha hospice Bethesda ann an Leòdhas ag ràdh gum faodadh iadsan suidheachadh leapannan Ospadail nan Eilean a chuideachadh, nam faigheadh iad taic 'son na goireasan aca a leasachadh.

Bha Ospadal nan Eilean am measg an fheadhain as motha san robh duilgheadas le euslaintich a' fuireach ann leis nach robh cothrom aca air cùram freagarach taobh a-muigh an ospadail.

Tha Bethesda an Steòrnabhagh ag ràdh gu bheil àite aca son naoi leapannan ùra, ach ged a tha coltas ann gum faodadh an t-airgead a bhith ann airson an ruith, (a' crochadh air pròiseas tairsean) chan eil an t-airgead calpa ann an t-ionad a chruthachadh.

"Nuair a chaidh an togalach a tha seo atharrachadh ann an 2009, chaidh iarraidh oirnn aig an àm sin àiteachan a bharrachd a chur ann na bh' againn ron a seo," thuirt Oifigear Ionmhais Bhethesda, D.R. Dòmhnallach.

"Bha mothachas ann gun robh feum gu bhith air sin.

"Tha an togalach air a dhèanamh leis a' phìos seo far an gabhadh naoi leapannan a bharrachd a chruthachadh airson cuideachadh a dhèanamh air na tha de dhaoine anns na h-ospadail agus nan dachaighean a tha a' feumachdainn dachaigh chùraim.

"Ach aig an àm, bhon is e carthannas a th' annainn, thàinig oirnn an t-airgead a chruinneachadh sinn fhìn airson an dèanamh.

"Fhuair sinn cuideachadh bhon Bhòrd-Shlàinte agus bhon Chomhairle, agus bho HIE, ach chosg an obair gu lèir faisg air £2m.

"A' chuid as motha dheth sin bha againn fhìn ri a thrusadh.

"Cha b' urrainn dhuinn a dhol chun na coimhearsnachd a-rithist a dh'iarraidh airgid airson seo a chrìochnachadh, agus chosgadh e £450,000 's mathaid airson a chrìochnachadh," thuirt e.

Tha pìos den togalach a tha na shlige aig an ìre seo, gun bhallachan na bhroinn, a dh'fheumadh a bhith air a chrìochnachadh airson na leapannan ùra a chruthachadh.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, a' Chomhairle agus Bethesda a' tighinn còmhla feuch dè mar as urrainn dhaibh airgead-calpa a lorg airson seo a thoirt gu buil.

Tha airgead ann mar thà a ghabhadh a chleachdadh airson na leapannan ùra a ruith, aon uair 's gun deadh an cruthachadh.