Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Jimmy Savile

Tha aithisg oifigeil mu dhol-a-mach Jimmy Savile ag innse gun tug e ionnsaighean drabasta air còrr is 60 euslainteach, luchd-obrach agus feadhainn a bha a' tadhail air Ospadal Stoke Mandeville. Thuirt an aithisg gun do thog deichnear gearainnean mu Savile eadar 1972 agus 1985, ach nach dèiligeadh riutha gu ceart agus mar a bu chòir aig an àm.

Jihadi John

Chaidh an duine à Breatainn air a bheil am far-ainm "Jihadi John" 's a chaidh a shealltainn air bhideothan na Stàite Ioslamaich a' cur dhaoine gu bàs ainmeachadh mar Mohammed Emwazi, Breatannach a bhuineas do thaobh siar Lunnainn. Tha aithrisean ann gum b' aithne do sheirbheisean tèarainteachd Bhreatainn bho chionn ùine cò e.

Sgeamaichean Ath-nuadhachail

Chaidh cùmhnantan mòra ainmeachadh airson sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail anns a' cheann a tuath. Ach chan eil tuath-gaoithe mòr ann an Linne Mhoireibh nam measg. Thuirt Moray Offshore Renewables gur e briseadh-dùil mòr a th' ann nach d' fhuair iad cùmhnant a bheireadh cinnt dhaibh air teachd-a-steach airson a' chiad 15 bliadhna den sgeama. Bha taic ann ge-tà do sgeamaichean eile air a' Ghàidhealtachd, an Srath Chluaidh agus an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh.

RBS

Bha call de £3.5bn air Banca Rìoghail na h-Alba an-uiridh - sìos bho chall de £9bn ann an 2013. Tha RBS, a bhuineas anns a' mhòr-chuid dhan Riaghaltas ag ràdh gur e càintean agus cosgaisean eile as motha a thug buaidh orra, Cha bhi an t-àrd-oifigeach Ross McEwan a' gabhail £1m ann am bònas am-bliadhna.

In-imreachd

Dh'èirich àireamh na h-in-imreachd dhan Rìoghachd Aonaichte gu 298,000 air a' bhliadhna dhan t-Sultain ann an 2014. Tha na figearan as ùire ag innse gun do dh'fhàg 327,000 duine Breatainn, agus gun tàinig 624,000 duine a dh'fhuireach ann. Tha sin suas 80,000 air a' bhliadhna ron a sin.

Leapannan

Thuirt an carthannas Bethesda ann an Leòdhas gum faodadh iadsan, le taic-airgid, cuideachadh le cion-leapannan anns na h-ospadail. Tha Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh am measg na tha ag ràdh gu bheil leapannan a dhìth, le euslaintich annta nach fhaigh cùram freagarrach an àite sam bith eile. Thuirt Comhairle nan Eilean siar gum bu buidheann chùraim ùr nan Eilean Siar a' deasbad suidheachadh nan leapannan.

Aiseig Loch nam Madadh

Tha gearain as ùr ann an Uibhist a Tuath mun t-seirbheis aiseig aca nuair nach eil am bàta àbhaisteach an Hebrides ann. Thuirt an Comh. Uisdean Robasdan nach eil am Finlaggan, a bha ùine air an t-slighe eadar Loch nam Madadh agus Ùige, 's a tha ri tilleadh ann fhathast air a' Gheamhradh seo, idir freagarrach. Agus tha e a' faighneachd carson a tha Cal Mac a' toirt bhàtaichean far na slighe dhan deach an togail anns a' chiad àite.