Planaichean ionad Hiort gam foillseachadh
- Air fhoillseachadh

Thèid planaichean airson ionaid ùir Hiort fhoillseachadh ann an Steòrnabhagh Diardaoin.
'S ann ann am Mangurstadh ann an Ùig' Leòdhais a bhios an t-ionad ùr, às dèidh do ghrunn sgìrean anns na h-Eileanan Siar a bhith a' farpais air a shon.
Bidh an t-eòlaiche a chaidh fhastadh airson na planaichean a thoirt air adhart a' mìneachadh nan co-dhùnaidhean aige Diardaoin.
Tha Seumas Rebanks air a bhith a' cruinneachadh fiosrachaidh bhon fheadhainn a tha an sàs anns na planaichean, a' choimhearsnachd fhèin agus daoine eile aig a bheil ùidh ann.
Dh'fhàg na Hiortaich mu dheireadh an t-eilean ann an 1930, agus 's e Hiort an aon àite anns an Rìoghachd Aonaichte aig a bheil dà inbhe Làrach Dhualchais na Cruinne bho UNESCO.
Buannachd Eaconamach
Tha pìos fearainn air a chur ma seach airson an ionaid, agus tha dùil gum faodadh e a bhith na bhuannachd mhòr do dh'eaconamaidh sgìre Ùig' a tha a' strì ri cion obraichean agus crìonadh sluaigh.
Mìnichidh Mgr Rebanks na co-dhùnaidhean aige aig tachartas ann an oifisean Chomhairle nan Eilean Siar, mus tadhail na bhios an làthair air an làraich ann an Ùig'.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 20 An t-Samhain 2013