Teagamh mu bhann-leathann fìor luath

Conaltradh teicneòlais
Image caption Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba ag iarraidh soilleireachaidh air dè an t-astar a bhios ri fhaighinn ann an diofar sgìrean.

Thog Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba teagamh mu cho luath 's a dh'fhaodadh siostam ùr a' bhainn-leathainn air a' Ghàidhealtachd a bhith.

Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba a' sireadh soillearachaidh bho Riaghaltas na h-Alba mu dè dìreach cho luath 's a bhios am bann-leathann, agus na bu chòir do dhaoine ann an diofar sgìrean a bhith a' sùileachadh aig a' cheann-thall.

Tha e air tighinn am bàrr cuideachd gum feum cha-mhòr cairteal de thaighean teicneòlas ùr, neo barrachd airgid a bhith air a chosg air a' phròiseact, mus fhaigh iad bann-leathann fìor luath.

Thug Riaghaltas na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd dà chùmhnant do BhT airson siostam bainn-leathainn eadar 40 agus 80 megabit gach diog a chur an sàs.

'S e amas an Riaghaltais gum biodh seo ri fhaighinn ann an suas ri 90% de thaighean ann an Alba ron Mhàirt an ath-bhliadhna.

Dh'iarradh iad gum biodh seo aig 95% de thaighean ro dheireadh 2017.

Freagairt

Thuirt Fear-gairm Chomataidh nan Cunntasan Poblach, Pòl Màrtainn BPA, gu bheil an Riaghaltas a' cosg £165m air bann-leathann fìor luath a thoirt do sgìrean far nach eil e ri fhaighinn an-dràsta.

Thuirt e gum beachdaich iad, aig coinneimh an ath-mhìos, air dè an t-adhartas a thathas a' dèanamh a dh'ionnsaigh sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo