Dòchas do dh'iomairt a' bhàta-slaodaidh
- Air fhoillseachadh

Tha boillsgeadh dòchais ann dhan iomairt bàta-slaodaidh a stèidheachadh às ùr air a' Chosta an Iar, 's Rùnaire na h-Alba air aontachadh coinneamh shònraichte a chur air dòigh gus an suidheachadh a dheasbad.
Choinnich riochdairean bho Chomhairlean na Gàidhealtachd, nan Eilean Siar, Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Sealtainn ri Alasdair MacIlleMhìcheil Diardaoin, 's iad ag ràdh ris gu bheil e riatanach gun tèid bàta-slaodaidh a thilleadh dhan taobh siar.
"Dh'aontaich Rùnaire na Stàite, Alasdair MacIlleMhìcheil, gun cuireadh e coinneamh air chois leis a h-uile duine a dh'fhaodadh a bhith an sàs ann an iomairt airson bàta-slaodaidh 's dòcha a bharrachd a thoirt aig tuath 's aig an iar gun fhios nach bi tubaistean ann a-rithist," thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.
"Agus gun teagamh bithidh tubaistean ann.
Measadh
"Gu ruige seo chan eil càil dona air tachairt bho bha tubaist a' Bhraer ann bho chionn iomadach bliadhna air ais.
"'S ann a-mach às an tachartas sin a thàinig am moladh gum bu chòir dà bhàta-slaodaidh a bhith ann, agus bha iad ann airson iomadach bliadhna às dèidh sin.
"Tha sinn toilichte gu bheileas a' dol a choimhead ri sin aon uair eile.
"Bhathas a' dol a dhèanamh measadh air a' bhàta-slaodaidh a th' air a bhith bho chionn grunn bhliadhnaichean ann an Arcaibh anns a' bhliadhna a tha romhainn co-dhiù, agus tha sinn a' dol a ghabhail a' chothroim feuchainn ri iomairt a bharrachd a dhèanamh airson gun tèid cùisean a chur air ais mar a bha .
"Bhon tha sinn air a bhith a' faicinn anns na seachdainnean agus na mìosan a chaidh seachad gu bheil feum air bàta-slaodaidh a bhith ann gus nach bithear a' feitheamh còrr air là mus bi bàta-slaodaidh a' tighinn bho badeigin eile airson cobhair a dhèanamh air bàta an dàrna cuid a thèid air na creagan no a bhios ann an duilgheadas air choireigin eile.
"'S e an rud a tha sinne a' liùgachdainn gum bi cùisean air ais mar a bha iad cheana, le bàta-slaodaidh aig tuath an dàrna cuid ann an Arcaibh no ann an Sealtainn, agus cuideachd gum bi bàta-slaodaidh ann aig an iar.
"Bha i ann an Steòrnabhagh cheana, agus faodaidh am bàta-slaodaidh a tha sin a bhith a' dèiligeadh ri rud sam bith a dh'èiricheas gach cuid air na cladaichean againn no air cladach na Gàidhealtachd, no sìos cho fada ri Earra-Ghàidheal is Bòd ma 's e 's gum feumadh sin tachairt," thuirt e.