Bhòt mu Oighreachd Bheàrnaraigh
- Air fhoillseachadh

Gheibh muinntir Bheàrnaraigh Leòdhais an tuileadh fiosrachaidh an ath-sheachdain mun iomairt airson an oighreachd aca a cheannach.
Chaidh cothrom a thairgsinn dhan choimhearsnachd an oighreachd a cheannach às dèidh bàs an t-seann uachdarain, am Prionnsa Robin de la Lanne Mirelees.
Chaidh rannsachadh a dhèanamh feuch ciamar a dh'fhaodadh i soirbheachadh fo smachd na coimhearsnachd.
Cothroman ùra
Tha 5,200 acair anns an oighreachd a tha a' gabhail a-steach Beàrnaraigh agus na h-eileanan a tha faisg air làimh.
Cluinnidh muinntir Bheàrnaraigh gum faodadh cothroman a bhith ann a thaobh cumhachd ath-nuadhachail.
A thuilleadh air cumhachd na gaoithe, thathas a' coimhead cuideachd ri cumhachd hydro agus an làin.
Ged a tha e air trì bliadhna a thoirt an ìre seo a ruighinn, tha Cathraiche Urras Leasachaidh Bheàrnaraigh, Tom Dòmhnallach, ag ràdh nach eil iad idir air a bhith dìomhain tron ùine sin.
"Tha tòrr air a bhith a' tachairt air cùl ghnothaichean - a' lìonadh phàipearan-tagraidh airson ghrantaichean - na rudan a dh'fheumas tu a dhèanamh anns an t-suidheachadh seo - agus rinn sinn a' chùis air" thuirt e.
Tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gu bheil an aithisg a thèid air beulaibh an t-sluaigh Dimàirt gu math misneachail.
Thèid am fiosrachadh sin a thoirt seachad aig 7:30f Dimàirt ann an Talla Bheàrnaraigh.
Bidh na pàipearan-bhòtaidh mu bhith a' ceannach na h-oighreachd air an cunntadh air an 16mh den Mhàirt.