£1m ga shireadh airson RNLI Loch Nis

  • Air fhoillseachadh
Bàta-teasairginn Loch NisTùs an deilbh, RNLI
Fo-thiotal an deilbh,
Tha barrachd rùim a dhìth airson luchd-obrach a thrèanadh agus uidheamachd a chumail.

Tha iomairt ga tòiseachadh airson £1m a thogail airson stèisein ùir do sgioba RNLI Loch Nis.

Tha an sgioba air a bhith stèidhichte anns an aon togalach, faisg air Druim na Drochaid, bho 2008, ach tha iad ag ràdh nach eil an t-àite freagarrach dhan bhàta neo dhan chriutha.

Tha iad ag ràdh gu bheil barrachd rùim a dhìth airson luchd-obrach a thrèanadh agus uidheamachd a chumail.

'S e bàta-teasairginn Loch Nis, air a bheil criubha de 13, an aon tè ann an Alba a tha a' frithealadh air loch, seach a bhith a' dol a-mach gu muir.

Chaidh fios a chur air an sgioba còig tursan anns an Lùnastal a chaidh, agus, anns a' chumantas, 's e luchd-turais as motha air am bi iad a' dèanamh cobhair.

Anns an Dàmhair a chaidh, chaidh aca air cuideachadh a thoirt do dh'fhear-coiseachd às dèidh dhan chù aige tuiteam air na creagan.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh