BBC Naidheachdan

Binn air drabastair chloinne

Published
image captionChaidh MacIllinnein a dhìteadh san Fhaoilleach.

Chaidh binn ochd bliadhna sa phrìosan air fear dh'èignich balach, trì bliadhna de dh'aois, aig sgoil-àraich ann an Loch Abar agus a thug ionnsaighean drabasta air nighean ann an Sruighlea.

Bha Marc MacIllinnein, a tha 30, air a bhith ag obair na mhanaidsear air an sgoil-àraich.

Fhuaireas ciontach cuideachd e air casaid gun robh dealbhan drabasta aige de chloinn na dhachaigh ann an Sruighlea.

Cumaidh na h-ùghdarrrasan sùil air MacIllinnein fad dà bhliadhna eile às dèidh dha a bhith air a shaoradh.

Chaidh ainm cuideachd a chur air Clàr nan Drabastairean, gun cheann-ùine.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Drabastair ga dhiteadh