Fèis Leabhraichean Inbhir Nis ga stad

Tha Fèis Leabhraichean Inbhir Nis ga stad, às dèidh dhi a bhith a' dol fad deich bliadhna.

Thuirt stiùirichean na fèise, a bha stèidhichte ann an Talla Eden Court anns a' bhaile, gum feumadh tachartasan eile a bhith ann an cois na fèise, agus nach robh e comasach dhaibh sin a chur air dòigh.

Thuirt iad cuideachd gun robh cùisean ann an saoghal an litreachais air atharrachadh, leis na meadhanan sòisealta a' leigeil le daoine conaltradh le ùghdarran, gun uimhir de tharraing a-nis aig fèisean leabhraichean.

Bha na sgrìobhadairean Ali Smith, Ian Rankin agus Iain Banks nach maireann, am measg na nochd aig an fhèis ann an Inbhir Nis thar nam bliadhnaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile