Riaghaltas a' dol às aicheadh prìobhaideachadh aiseagan

Bàt-aiseig Image copyright Richard Sowersby
Image caption Thèid cùmhnant ùr nan aiseagan a chur ri chèile sna mìosan a tha romhainn.

Chaidh Riaghaltas na h-Alba às àicheadh gu bheil iad air a bhith a' deasachadh cuid de sheirbheisean aiseig Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn airson na roinne prìobhaidich.

Nochd aonaidhean ciùird na h-Alba am beachd bho chionn beagan sheachdainnean.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, nach eil adhbhar a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn an leithid aig an ìre seo, 's nach eil am pròiseas ach aig ìre thràth.

"Cha do thòisich am pròiseas fhathast airson an cùmhnant a chur ri chèile, agus an aon rud a tha cinnteach 's e gun tuirt an Riaghaltas mar thà nach eil sinn airson "unbundling" no gum bi an t-seirbheis air a briseadh suas," thuirt e.

Pròiseas Eòrpach

"Chan eil sinn airson sin a dhèanamh.

"Tha e ceart gu bheil pròiseas ann bhon Roinn Eòrpa a dhèanamh cinnteach cò na daoine as fheàrr airson na h-aiseagan a ruith.

"Agus feumaidh sinn cuideachd a bhith a' smaoineachadh fad na tìde dè tha na daoine a tha a' cleachdadh nan aiseagan ag iarraidh," thuirt e.

Tha tagraiche nan Làbarach sna h-Eileanan Siar anns an taghadh choitcheann ge-tà, Alasdair Moireasdan, ag ràdh gu bheil adhbhar a bhith a' bruidhinn mun leithid.

"Tha e do-chreidsinneach dhomhsa gun canadh ministear ann an Riaghaltas na h-Alba, agus fear a tha a' riochdachadh nan eileanan seo, gu bheil e ro thràth a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn rud a tha cho bunaideach dhan a h-uile teaghlach, agus dhan a h-uile gnìomhachas anns na h-eileanan a tha seo," thuirt e.

"Chan eil e ro thràth dhuinne a tha a' fuireach, agus a' crochadh air na seirbheisean sin, a bhith a' deasbad agus a' bruidhinn air, 's gu dearbha chan eil e ro thràth airson an luchd-obrach a tha an-diugh a' faighinn cosnaidh bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn.

"'S e rud math a th' ann gu bheil iad air aon rud a ràdh, agus 's e sin nach bris iad suas, "unbundling" mar a chanas iad ris anns a' Bheurla. Chan eil an sin ach aon chuspair, agus 's math gu bheil iad air sin a dhèanamh.

"Ach carson nach can iad gu follaiseach an-diugh, agus carson nach can esan, gu follaiseach, agus Aonghas Brianan MacNèill, gu bheil iad a' seasamh ri taobh nan coimhearsnachdan, agus sin gu bheil iad dha-rìribh ag iarraidh Caledonian Mac a' Bhriuthainn - agus tha fios againn gu bheil uireasbhaidhean ann an seirbheis Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn - carson nach can iad gu soilleir, agus gu dòigheil, an-diugh fhèin, gu bheil iad a' seasamh ri taobh nan coimhearsnachdan, agus gun cuir iad dìon air mar sheirbheis phoblaich?

"Niste tha fios againn gu bheil uireasbhaidhean ann, an dol-a-mach an Uibhist a Deas, an Uibhist a Tuath agus ann an Leòdhas. Tha feum air atharrachadh, agus bu chòir dhan Riaghaltas a bhith a' cumail ceann a' mhaide ri Caledonian Mac a' Bhriuthainn, 's a' dèanamh cinnteach gu bheil seirbheis mhath ann," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo