Leasachadh dhìth air seirbheis charbad-eiridinn

  • Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh air Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba sùil às ùr a thoirt air an t-seirbheis a th' aca ann an ceann a deas na Hearadh.

Tha seo an dèidh aithrisean o chionn ghoirid gum b' fheudar do dh'euslainteach anns an t-Òb feitheamh uair de thìde gu leth mus do ràinig carbad-eiridinn.

Bha carbad-eiridinn an Tairbeirt trang aig an àm agus b' fheudar do charbad a thighinn à Steòrnabhagh.

Thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, gu bheil e iomchaidh gum biodh carbad-eiridinn suidhichte san t-Òb, ge b' e dè chosgadh sin.