"Cumaibh air falbh" bho Ospadal a' Bhelford

  • Air fhoillseachadh
Ospadal a' Bhelford
Fo-thiotal an deilbh,
Thathas ag iarraidh am bhìoras a chumail air falbh bho euslaintich san ospadal.

Thathas ag iarraidh air a' phoball gun a bhith a' tadhail air Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan, ri linn sgapadh den noro-bhìoras sa choimhearsnachd.

Chaidh an t-ospadal a dhùnadh do dh'euslaintich ùra o chionn ghoirid ri linn 's gun robh a' bhuinneach agus an dìobhairt air tighinn air na h-uimhir de dh'euslaintich.

Fhad 's a tha an t-ospadal ag obair mar as àbhaist an-dràsta, thathas an dòchas gun gabh am bhìoras cumail air falbh bhon ospadal le bhith a' cur stad air daoine a' tadhail.

"Tha fhios againn gu bheil am bhìoras gu math bitheanta sa choimhearsnachd an-dràsta," thuirt an Dr. Brian Tregaskis, a tha na Chomhairliche Leighis agus Stiùiriche Clinigeach aig an ospadal.

Gabhaltach

"Uaireannan, bidh daoine air a bheil am bhìoras gan toirt chun an ospadail, no gun tig cuideigin air a bheil e a chèilidh air euslainteach anns an ospadal, 's gun toir iad seachad e gun fhiosta dhaibh.

"Tha sinn an dòchas an cunnart sin a lùghdachadh cho mòr 's as urrainn dhuinn le bhith a' cumail dhaoine air falbh.

"Bidh luchd-obrach an ospadail, gu nàdarra, gu math toilichte a bhith a' bruidhinn ri luchd-tadhail air a' fòn gus am faigh iad fiosrachadh air mar a tha an càirdean.

"Ach, ma tha sibh den bheachd gum feum sibh tadhail air an ospadal, cuireadh sibh fòn thugainn an toiseach, le bhur toil."

Lorg deuchainnean a rinneadh nuair a chaidh na h-uardan in-euslainteach a dhùnadh gun robh noro-bhìoras ann.

Gabhaidh am bhìoras sgaoiladh san adhair, agus tha e gu math gabhaltach.

Thathas ag iarraidh air a' phoball cuideachadh ann a bhith a' cumail smachd air a' chùis.

Chan eil leigheas sònraichte ann air a' bhìoras, agus chan fheumar mar as trice tadhail air dotair.

'S e a b' fheàrr a dhèanamh, fuireach aig an taigh, paracetamol a ghabhail gus faochadh a thoirt dhut bho fhiabhras sam bith, agus gu leòr uisge òl.

Bu chòir cuideachd a bhith gu math dìcheallach a thaobh glanadh an làmhan.