NHS na Gàidhealtachd £2m thairis

  • Air fhoillseachadh
NHS na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh càineadh làidir a dhèanamh air a' bhòrd ri linn 's mar a làimhsich iad am buidseat ann an 2013/14.

Thèid innse do bhòrd NHS na Gàidhealtachd gu bheileas fhathast £2m thairis air a' bhuidseat aca.

Air a' mhìos a chaidh seachad, rinn Comataidh nan Cunntasan Poblach càineadh làidir air a' bhuidhinn an dèidh mar a thàinig orra iasad de £2.5m fhaighinn bhon Riaghaltas ann an 2013/14.

Innsidh Stiùiriche Ionmhais na buidhne, Nick Kenton, dhan bhòrd gun tèid aca air na leabhraichean aca a chothromachadh, ach gu bheil slighe fhada romhpa.

Aig a' cheart àm 's a fhuair iad an t-iadad on Riaghaltas, fhuair iad £3m a bharrachd bho Righaltas na h-Alba airson na bliadhna-ionmhais a tha seo.

A dh'aindeoin sin ge-tà, tha fhathast toll anns na cunntasan ionmhais.

Dimàirt, innsidh Mgr Kenton don bhòrd gum feum iad £2m a shàbhaladh.

Canaidh e gun tàinig piseach air cùisean, ach gum feum iad cumail ris na sàbhalaidhean a chaidh aontachadh airson dèanamh cinnteach gun tèid aca air na Cunntasan ionmhais a chothromachadh.