Sgrùdadh uidheamachd Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Image caption Chaidh an drochaid a dhùnadh gu math na bu thrice thar nan sia mìosan a dh'fhalbh na b' àbhaist.

Gheall Còmhdhail Alba gun dèan iad sgrùdadh air an uidheamachd a tha iad a' cleachdadh 'son neart na gaoithe a thomhas as dèidh ghearainnean mu cho tric 's a tha Drochaid an Eilein Sgitheanaich air a bhith dùinte sna sia mìosan a dh'fhalbh.

Chaidh a dùnadh dha carbadan àrda cha-mhòr ceud turas, agus bha i dùinte buileach 14 tursan eadar An t-Sultain an-uiridh agus am Faoilleach am-bliadhna.

"Mar chomhairlichean bha sinne a' faighinn ghearainnean mu dheidhinn nan amannan a bha an drochaid dùinte, agus gun robh e a' dèanamh dragh do dhaoine nach robh iad a' faighinn air ais 's air adhart dhan eilean, gu h-àraid feadhainn a bha ag obair aig gnìomhachas, agus cuideachd feadhainn a bha a' falbh on eilean gu coinneamhan an Inbhir Nis no an Gearasdan no àite sam bith eile," thuirt ab Comh. Hamish Friseal.

"Tha mi fhìn an dèidh beachd a chur seachad dòcha gu bheil an uidheamachd aca airson a' ghaoth a thomhas anns an àite cheàrr, 's dòcha nach eil e a' gabhail beachd air cò às a tha a' ghaoth a' tighinn, agus 's dòcha gu bheil e beagan nas mionaidiche a-nise.

Siostam Trafaig

"Aig an ìre a tha seo tha sinn a' tuigsinn nach eil atharrachadh sam bith air tighinn air riaghailtean Chòmhdhail Alba, agus gur e rudeigin timcheall air an uidheamachd no an aimsir a tha ag adhbharachadh seo," thuirt e.

Tha Mgr Friseal cuideachd ag ràdh gu bheil siostam a dhìth do thrafaig nuair a bhios an drochaid dùinte.

"Chan eil siostam ann. Agus bha sin gu math soilleir an là a bha an drochaid dùinte cha-mhòr fad an là," thuirt e.

"Bha sreath chàraichean bhon chearcall-rathiad ann an Caol Àcainn, suas tha mi a' creidsinn mìle gu leth.

"Nan robh tubaist sam bith, no iarrtas sam bith air seirbheisean èiginn ann an Caol Àcainn, bhiodh dragh aca a' faighinn sìos gu Caol Àcainn.

"Thog mi sin aig an ìre a bha sin, agus thòisich iad air na carbadan a bha sin a shioftadh.

"Feumaidh sinn a-nsite coimhead air ciamar a chumas sinn air falbh bho sin ma tha an drochaid gu bhith dùinte uair de thìde no barrachd, no uair sam bith," thuirt e.