20 cosnadh air fàire sna h-Eileanan

  • Air fhoillseachadh
Làrach-togail
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh an uidheam ùr a' tomhas cho uaine 's a tha togalaichean, agus na chosgas iad de chumhachd.

Dh'fhaodadh 20 cosnadh a bhith air an cruthachadh sna h-Eileanan Siar, agus companaidh ann an Leòdhas am beachd bathair-bog coimpiutair a chruthachadh a ghlèidheas teas agus cumhachd ann an togalaichean.

Tha a' chompanaidh, Greenspacelive, air companaidh ùr a stèidheachadh air a bheil Rapiere Software, airson am bathair-bog a leasachadh.

"Tha sinne air a bhith an sàs anns a' phròiseact a tha seo bho chionn dhà no thrì bhliadhnaichean a-nis," thuirt fear de stiuirichean Greenspacelive, Domhnall MacRisnidh.

"Tha sinn aig an ìre a-nis gu bheil e deiseil airson a chur air beulaibh a' mhargaid.

"Tha an uidheam ùr a' toirt sùil air cumhachd - dè an cumhachd a tha thu a' cleachdadh ann an togalach? Dè an càrbon a tha thu a' dol a chur an sàs anns an togalach sin airson a thogail? Agus dè a' chosgais a bhios an lùib a h-uile càil a tha sin?

"'S e uidheam gu math ùr a bhios ann, agus tha sinn a' dol a dh'fhaicinn dè chanas am margaid rinn," thuirt e.

Tha Mgr MacRisnidh an dùil gu bheil na h-Eileanan a' cheart cho math ri àite sam bith do chompanaidh den leithid.

"'S e companaidh bheag a th' againn. 'S e companaidh a tha freagarrach airson na linne a tha seo a th' againn," thuirt e.

"'S e companaidh air an eadar-lìon a th' againn, agus 's e sin an neart a th' againn cuideachd, as bi càite am biodh sinn.

"Agus tha cothroman mòra an seo an t-seòrsa companaidh a tha seo a stèidheachadh anns na h-Eileanan, agus leudachadh a-mach agus obraichean a thoirt do dhaoine.

"Chan eil sinn a' faicinn càil a dhìth oirnn ach taic bho na buidhnean a tha faisg oirnn airson sin a dhèanamh," thuirt e.