Steòrnabhagh air geàrr-liosta fànais

Beachd neach-ealain air coltas a' phuirt fhànais. Image copyright UKSA
Image caption Thàinig an Riaghaltas dhan cho-dhùnadh nach robh raointean Feachd an Adhair ann am Moireibh freagarrach ri linn an cudromachd do dhìon na dùthcha.

Tha Steòrnabhagh am measg nan àiteachan air a bheil Riaghltas na Rìoghachd Aonaichte a' beachdachadh fhathast airson stèisean fànais a stèidheachadh.

Thàinig an Riaghaltas gu co-dhùnadh nach eil raointean Feachd an Adhair ann an Inbhir Losaidh no Ceann Lois freagarrach.

Thuirt iad gu bheil iad ro chudromach airson dìon na dùthcha.

Tha Steòrnabhagh, Machaire Shànais, Preastabhaig agus Luachair ann am Fìobha am measg nan aiteachan ann an Alba a th' air an liosta.

Tha ministearan an dòchas gun tèid port-fànais a stèidheachadh ro 2018.