Naoi cothroman teagaisg

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Image copyright Thomas Nugent / Geograph
Image caption Chan eil an sgoil air daoine a lorg thuige seo a lìonas na dreuchdan aig ìre àrd-sgoile.

Tha Sgoil Ghàidhlig Ghaschu air sanasan a chur a-mach airson naoinear thidsearan anns an àrd-sgoil a-mhàin.

Tha iad a' sireadh luchd-teagaisg airson eachdraidh, Beurla, bith-eòlas, Fraingis, creideamh agus dràma.

Cuideachd tha iad a' lorg ceann roinne litearais agus prìomh thidsear airson cùraim.

Thèid iarraidh air daoine aig a bheil ùidh anns na h-obraichean tagraidhean a chur a-steach ro Dhidòmhnaich seo tighinn.

Crìonadh air falbh

"Tha tidsearan againn anns na dreuchdan an-dràsta, feadhainn dhiubh a tha fileanta sa Ghàidhlig - 's tha mi an dùil gun cuir iadsan a-steach airson nan obraichean," thuirt ceannard na sgoile, Donalda McComb.

"Ach cuideachd, tha feadhainn de na cuspairean a tha seo, chan urrainn dhuin daoine a lorg aig a bheil Gàidhlig.

"Chaidh sanas a-mach roimhe airson eachdraidh, agus cha do lorg sinn duine sam bith airson eachdraidh.

"Nis chuir sin iongnadh mòr orm, o chionn 's e fear de na cuspairean, nuair a dh'fhosgail Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an toiseach, bha an t-uabhas thidsearan a-muigh ann an sin le 's dòcha eachdraidh is Gàidhlig, no eachdraidh is cruinn-eòlas.

"Ach tha na h-àireamhan a tha sin air crìonadh air falbh.

"Tha sinn feumach air diofar chuspairean tarsainn, ach na cuspairean a tha sin, shaoileadh tu gum biodh daoine ann aig a bheil na dreuchdan sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gum faic thu na trioblaidean a tha seo air feadh Alba, agus 's e sinne tha mi cinnteach an sgoil as motha an-dràsta ann ann Alba a tha a' tairsgsinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Agus tha mi a' smaoineachadh 's dòcha gu bheil sinne ga fhaicinn a' bualadh oirnn 's dòcha gu math nas làidire nan bhiodh e a' bualadh air 's dòcha sgoil eile.

"Ach chanainn gu bheil àrd-sgoiltean eile air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean 's dòcha aig a bheil an aon trioblaid.

"Tha e doirbh a ràdh dè tha a' dol a thachairt a thaobh àireamhan de luchd-obrach, a thaobh tha bliadhnaichean ann far nach eil an trioblaid a tha seo againn.

"'S tha fhios againn gum bi tidsear a' tighinn a thaobh na bun-sgoile.

"Tha taobh na h-àrd-sgoile gu math diofraichte, a thaobh mar a tha an saoghal co-dhiù - bidh daoine a tha ag iarraidh gluasad, gu nàdarra.

"'S dòcha gum bi boireannaich a' dol air fòrladh màthaireil mar eisimpleir. 'S dòcha gu bheil daoine ag iarraidh gluasad nas fhaisge air na teaghlaichean aca fhèin.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil dùil aig daoine gum biodh ùidh aig daoine fuireach sa bhaile mhòr. Tha airson dhà no trì bhliadhnaichean, 's an uair sin tha iad ag iarraidh gluasad gu àiteachan eile.

"Ach bidh sin a' tachairt ge b' e dè an sgoil anns am bi thu.

"Ach a thaobh 's gu bheil sinn cho gann de thidsearan, tha e nas fhollaisiche a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt i.