Cùmhnadh nan Cat-fiadhaich

Cat-fiadhaich Image copyright RSPB na h-Alba
Image caption Tha cait-thaighe san sgìre gan spò, gus nach briod iad tuilleadh leis na cait-fhiadhaich a tha air fhàgail.

Tha pròiseact ann an Àird nam Murchan an-dràsta a' feuchainn ris a' chat-fhiadhaich Albannach a ghlèidheadh.

Tha àireamhean a' chait-fhiadhaich air a bhith a' tuiteam, gu h-àraid le cait-thaighe a' teicheadh bhon dachaigh agus a' briodadh leis na cait-fhiadhaich.

A rèir na buidhne Wildcat Haven, 's dòcha nach eil ann de chait-fhiadhaich neo-thruaillte ann an Alba ach 40.

Tha a' bhuidheann ag amas air tèarmann a chruthachadh dhaibh ann an Àird nam Murchan, le pròiseact a thòisich iad an-uiridh.

Spò

Stèidhich iad camarathan agus ribichean anns an sgìre gus na cait a ghlacadh air film, agus gu phiosaigeach.

Tha iad a-nis air ionad lìghiche-sprèidh a chur air dòigh ann an Talla Mhìogharraidh, far an tèid cait-thaighe san sgìre a spò.

"Pàirt den phròiseact a tha seo, bidh iad a' gabhail a-steach chat-taighe, agus gan spò, gus nach bi iad a' falbh leis na cait-fhiadhaich," thuirt Màiread NicRath, bho Bhun-Sgoil Ath Tharracail.

"Agus feadhainn de na cait-fhiadhaich a tha iad a' glacadh, tha iad a' dèanamh deuchainn orra feuch a bheil iad nan cait-fhiadhaich, no a bheil am fuil measgaichte.

"Tha iad cuideachd a' dol a chur thagaichean annta, gum bi fios aca dè an fheadhainn a tha fhathast nan cait-fhiadhaich cheart," thuirt i.

Tha clann na bun-sgoile cuideachd air cothrom fhaighinn a bhith mar phàirt den phròiseact.

"Thàinig iad an seo an-uiridh, agus às dèidh beagan rannsachaidh a dhèanamh, thug iad a' chlann a-mach leotha dhan choille, 's sheall iad dhaibh na ribichean a bha iad a' dol a chur, agus na camarathan a bha iad a' dol a chur sna craobhan mun cuairt.

"Ged a tha na cait-fhiadhaich air fàs gann, tha fhathast feadhainn mun cuairt air Ath Tharracail is Àird nam Murchan.

"A-niste tha a' chlann air a bhith a' dèanamh mòran rannsachaidh iad fhèin, agus a' coimhead air diofar fiosrachaidh mu dheidhinn chat-fiadhaich.

"Tha iad air a bhith a' dèanamh obair-ealain, obair-sgrìobhaidh. 'S e deagh chothrom a th' ann.

"'S e deagh phròiseact airson a thoirt a-steach gu Curriculum airson Sàr-Mhaitheis," thuirt i.