"Chan eil iomairt sgoil Lìonail seachad"
- Air fhoillseachadh

Tha comhairliche ùr a bhios aig an Taobh Siar agus Nis ann an Leòdhas ag ràdh nach eil an iomairt airson Àrd-sgoil Lìonail a chumail fosgailte seachad fhathast.
'S e Diciadain an là mu dheireadh airson beachdan a chur gu Riaghaltas na h-Alba air a' chùis, agus tha Alasdair MacIllinnein ag ràdh gu bheil argamaid làidir ann airson an àrd-sgoil dà bhliadhna a shàbhaladh.
Bhòt Comhairle nan Eilean Siar airson an àrd-sgoil dà bhliadhna mu dheireadh anns na h-Eileanan Siar a dhùnadh anns a' Ghearran.
Draghan san sgìre
Mar a tha cùisean an-dràsta, dùinidh an sgoil anns an Òg-Mhìos agus bidh aig a' chloinn ri timcheall air 50 mìle a shiubhail anns an là, air ais agus air adhart bho Sgoil MhicNeacail an Steòrnabhagh.
Tha pàrantan na sgoile air dragh a thogail mu dheidhinn sin, agus mun bhuaidh a bheir dùnadh na sgoile air a' choimhearsnachd.
Tha an t-ùghdarras iondail ag ràdh gu bheil e nas fheàrr dhan chloinn an sgoil a dhùnadh, gu h-àraid leis mar a tha àireamhan air tuiteam.
Bha Mgr MacIllInnein ag ràdh gun robh e mì-fhortannach nach d' fhuair e air bhòtadh air a bhith a' dùnadh na sgoile.
Bhòt fhaisg
Bhòt 15 comhairlichean airson a cumail fosgailte is 15 airson a dùnadh - rud a bha a' ciallachadh gun robh an co-dhùnadh an urra ri Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.
Ged a bha fios gum biodh e na chomhairliche airson na sgìre, is e a' dol a ghabhail àite Choinnich Mhoirich nach maireann, cha robh e anns an dreuchd fhathast.
Bha e ag ràdh gum biodh an sgoil air a bhith air a sàbhaladh nam biodh cothrom air a bhith aige bhòtadh.
Thuirt e: "Tha sin cho duilich a ghabhail agus tha e a' fàgail nam pàrantan is gu leòr eile gu math fiadhaich agus an dòchas gun gabh rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn."
Riaghaltas na h-Alba
Bha e ag ràdh gu bheil adhbharan math aig Riaghaltas na h-Alba co-dhùnadh na Comhairle a ghairm a-steach.
Cha robh e airson innse dè na h-adhbharan a bh' ann is eagal air cuid mu dè dhèanadh a' Chomhairle, ach thuirt e gun robh na h-adhbharan "làidir".
Thuirt Mgr MacIllInnein cuideachd gu bheil e na bhriseadh-dùil dha nach d' fhuair an iomairt barrachd taic bho Bhuill-Phàrlamaid nan eilean.