SSE gan dìon fhèin
- Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh chumhachd SSE gan dìon fhèin, às dèidh dhaibh an càineadh fhaighinn bho bhuidhinn anns na h-Eileanan an Iar a tha a' strì ri bochdainn connaidh.
Thug SSE £40,000 don bhuidhinn Energy Action Scotland - suim "shuarach" ann am beachd Aonghais MhicCarmaig a tha na chathraiche air Buidheann Bochdainn Connaidh nan Eilean Siar.
Tha a' bhuidheann am measg na tha a' cur ìmpidh air SSE cur às do chìs 2sg a bharrachd a thathas a' cur air air gach aonad dealain a tha ga reic ann an ceann a tuath na h-Alba - cìs a tha a' fàgail gur ann aig muinntir a' chinn a tuath a tha an dealan as daoire anns an rìoghachd.
"Prothaidean mòra"
Thuirt Aonghas MacCarmaig gur e suim ghlè bheag a th' ann an £40,000 do SSE, an taca ris a' phrothaid de £1.5bn a rinn iad an-uiridh.
"Ann an sgìre samhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean, le sìde fhuar, pàigheadh ìosal agus taighean a tha duilich a theasachadh, cha-mhòr nach eil SSE a' dèanamh dìmeas air daoine le bhith a' toirt seachad £40,000," thuirt e.
Tha e an comas SSE tòrr a bharrachd a dhèanamh, thuirt e.
Ann am brath-naidheachd thuirt SSE gu bheil iad ag obair gus prìs nàiseanta a stèidheachadh, agus gur e sin an dòigh as fheàrr cùr às dhan chìs a bharrachd a thig air luchd-cleachdaidh a' chinn a tuath.
Anns an eadar-ama, thuirt iad, cumaidh iad taic ri buidhinn charthannais a bheir cuideachadh do dhaoine a th' ann am bochdainn connaidh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 23 An Gearran 2015