"Ag amas" air a' Ghàidhlig mar mheadhan teagaisg

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Image copyright Thomas Nugent / Geograph
Image caption Tha naoinear luchd-teagaisg àrd-sgoile le Gàidhlig a dhìth aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil e na amas gum bi gach clas ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a theagasg anns a' chànan, ach nach gabh sin coileanadh an-dràsta.

Tha seo an dèidh na naidheachd gu bheil Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' sireadh naoinear luchd-teagasg airson na h-àrd-sgoile a-mhàin.

"Tha e air a bhith cho soirbheachail agus gu bheil pàrantan a' faicinn nam buannachdan a th' ann an dà-chànanas," thuirt Leasaiche Foghlaim is Ionnsachaidh a' Bhùird, Màiri NicIlleMhaoil.

"Ach mar a tha a h-uile siostam feumaidh tu ùine a thoirt dha airson gum fàs e.

Plana fad bhliadhnaichean

"Ach tha siostam foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig gu math nas lugha na siostam na Beurla, 's tha duilgheadasan ann an sin airson a bhith a' fastadh luchd-teagaisg.

"Ach le siostam mòr mar a th' aig a' Bheurla, tha duilgheadas ann le sin cuideachd air feadh na dùthcha airson a bhith a' fastadh luchd-teagaisg cuideachd," thuirt i.

"Nuair a thathar a' coimhead ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, bhiodh tu an dòchas gum biodh a h-uile clas air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig, agus gum biodh clann a' faighinn an oideachaidh air fad tro mheadhan na Gàidhlig.

"Feumaidh sinn ann an dòigh a bhith ciallach mu dheidhinn, agus a bhith a' coimhead ri gur e an amas fad-ùine a th' againn gum bi na clasaichean air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

"Tha e duilich aig an ìre seo, agus tha fhios againn gur e obair a th' ann a thathar a' gluasad fad an t-siubhail, agus ceum air cheum tha sinn a' faicinn gu bheil adhartas ga dhèanamh.

"Ach 's e plana fad bhliadhnaichean a th' ann. Chan e rud a th' ann as urrainn dhut crìoch a chur air taobh a-staigh bliadhna no dhà.

"Ma smaoinicheas gu gu bheil àireamhan a' dol suas fad an t-siubhail ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile, agus mar as motha a bhios na h-àireamhan a' fàs, feumaidh prìomhachas daonnan a bhith air a chur air trusadh luchd-teagaisg, agus a' dèanamh cinnteach gu bheil luchd-teagaisg againn aig a bheil misneachd a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig.

"'S an uair sin, mar as motha 's as motha de Ghàidhlig a tha na sgoilearan a' faighinn, tha iadsan nas misneachaile mun chànan, 's tha thu airson gun tòisich sin a' biadhadh air ais a-steach dhan t-siostam.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil na h-aon dùbhlain ann an dùthchannan eile, can mar a' Chuimrigh, no Èirinn, far a bheil iadsan air a bhith bliadhnaichean mòra air thoiseach air na th' air a bhith a' tachairt ann an Alba. Tha na h-aon dùbhlain romhpa, ach gu bheil e aig ìre nas motha.

"'S e obair a th' ann a dh'fheumas a bhith daonnan mar phrìomhachas, agus nach urrainn dhuinn ar sùilean a leigeil dheth," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo