Seòlaidhean a bharrachd gam foillseachadh
- Air fhoillseachadh

Thèid na seòlaidhean a bharrachd a dhèanamh gus turasachd a bhrosnachadh, seachad air a' chlàr-ama àbhaisteach.
Thàinig dearbhadh air na seirbheisean aiseig a bharrachd a bhios eadar Steòrnabhagh agus Ulapul air an t-Samhradh mar dhòigh air turasachd a bhrosnachadh.
Bidh an MV Isle of Lewis a' seòladh gach Dihaoine agus Disathairne 'son deich seachdainnean eadar an 26mh là den Ògmhìos agus an 29mh là den Lùnastal.
Bidh am bàta-aiseig ùr, an MV Loch Seafort, a' seòladh gach là sin aig 10:30m à Steòrnabhagh, agus i a' fagail Ulapuil aig 2:30f.
Tha sin a bharrachd air a' chlàr-ama air am bi i a' seòladh gu h-àbhaisteach.