Obair gus tòiseachadh air Bun-sgoil Uibhist a Tuath
- Air fhoillseachadh
Sgoil ùr Uibhist a Tuath
Tha dùil gun tèid tòiseachadh a' togail Bun-sgoile ùir Uibhist a Tuath an ceann beagan is mìos, agus gum fosgail i an dèidh saor-làithean an t-Samraidh, anns an Lùnastal an ath-bhliadhna.
Tha sin bliadhna nas anmoiche na bha dùil an toiseach.
Dh'èirich cosgaisean na pròiseict agus thàinig air Comhairle nan Eilean Siar tuilleadh airgid fhaighinn air a son.
Chaidh aontachadh roimhe gun dùineadh sgoiltean Phaibeil, Chàirinis agus Loch nam Madadh, agus gun deadh sgoil ùr a thogail nan àite.
'S ann air làrach sgoil Phaibeil a bhios i.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 6 Am Màrt 2015