Cead do sgeama connaidh

Gheibh na mìltean de dhràibhearan air a' Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal 5sg san liotar far phrìsean peatroil is diesel bho dheireadh a' Chèiteinn.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air cead fhaighinn bhon Aonadh Eòrpach an sgeama a th' aca ann an sgìrean eileanach a leudachadh gu sgìrean dùthchail de Thìr Mòr Bhreatainn.

Thèid an sgeama a chur an sàs anns na sgìrean anns a bheil na còdan-puist seo air a' Ghàidhealtachd: IV54, IV26, IV27, PH36, IV22, PH41, KW12, PH23, PH19, IV21 agus IV14.

'S e còdan Earra-Ghàidheal is Bhòid PA80 agus PA38.