Loch Seaforth ga càradh

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an Loch Seaforth a' gabhail àite an Isle of Lewis air slighe Steòrnabhaigh.

B' fheudar do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn an MV Isle of Lewis a ghairm a-steach an àite a' bhàt-aiseig ùir aca, MV Loch Seaforth, oidhche Ardaoin, agus fan air briseadh ann an tè de na h-einnseannan aice.

Chaidh an trioblaid a chur ceart an dèidh còig uairean de thìde, agus sheòl i à Ulapul mu mheadhan oidhche.

Chan eil ach trì seachdainnean bho sheòl an Loch Seaforth air a' chiad turas le luchd-siubhail eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Tha dùil gum bi an Isle of Lewis ann an seirbheis cuide ris an Loch Seaforth tron t-Samhradh, mus tèid i fhèin a thoirt far na slighe air a bheil i air a bhith bho 1995.

Thuirt labhraiche do Chal Mac: "Feasgar an-dè dh'èirich trioblaid le fan ann an seòmar einnseinn a bha feumach air càradh, agus chaidh co-dhùnadh an soitheach a thoirt far na slighe fhad 's a dheadh seo a dhèanamh.

"Chaidh an MV Isle of Lewis a chur air na h-àite airson an t-seirbheis a chumail a' dol.

"Ged a chaidh maill air luchd-siubhail ri linn seo, agus ged a tha sinn duilich airson seo, cha deach duine fhàgail gun siubhail.

"Cha b' e trioblaid mhòr a bha seo, ach bha mu chòig uairean de thìde a dhìth airson a cur ceart ri linn cho doirbh 's a bha an t-àite a ruighinn. Bha an obair-càraidh deiseil ro 11:00f, agus sheòl i às Ulapul mu uair de thìde às dèidh sin."