Ionad an Eastgate ri reic a-rithist
- Air fhoillseachadh
Tha an t-ionad bhùithdean as motha air Ghàidhealtachd, an Eastgate ann an Inbhir Nis, ri reic air prìs £120m.
Chaidh an t-ionad a cheannach bho chionn dìreach dà bhliadhna leis a' mhanaidsear stòras seilbh F&C REIT, bho bhuidhinn Grosvenor, a tha le Diùc Westminster.
Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd an-uiridh ri planaichean luach nam milleanan notaichean gus an t-ionad a leudachadh gus taigh-dhealbh le ochd sgrìonaichean a chur ris, a thuilleadh air còig taighean-bìdhe ùra.
Thuirt F&C REIT gun robh iad fhathast ag amas air planaichean gus an t-ionad a leasachadh, agus gu bheil iad an-dràsta a' coimhead ri diofar roghainnean, an dèidh do na h-uimhir de chompanaidhean ùidh a nochdadh ann a bhith a' ceannach an ionaid.