Rabhadh aimsire mu Loch Nis

  • Air fhoillseachadh

Tha rabhadh Òmar "thoir an aire" an sàs timcheall Inbhir Nis, agus an sgìre mu Loch Nis.

Tha Oifis na Sìde ag ràdh gu bheil dùil ri uisge trom, leantainneach san sgìre bho Oidhche Haoine gu madainn Didòmhnaich.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil cunnart ann gun cuir uillt agus aibhnichean a thèid a-steach a Loch Nis thairis.

"Tha rabhaidhean tuile ann an Ros an Ear 's an Gleann Mòr, an t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, Earra-Ghàidheal is Bòd, Ros an Iar, agus Gallaibh is Cataibh cuideachd.

Tha an rabhadh a' sìneadh bho 6:00f Dihaoine gu 06:00m Didòmhnaich.

'S ann mar phàirt de dh'uidheam aimsire ris an canar Buaidh Foehn, rud a bhios cuideachd ag àrdachadh teothachd mu Ear-thuath na h-Alba gu 16C deireadh na seachdain seo.