Rabhadh agus corp ga thoirt à Uisge Èireann

Randolph's Leap Image copyright Ann Harrison
Image caption Chaidh corp Mhgr Crosbie a lorg faisg air Inbhir Èireann madainn Didòmhnaich.

Chaidh rabhadh a sgaoileadh leis na Poilis mu dhaoine a bhith a' snàmh no a' leum ann an aibhnichean an dèidh uisge truim.

Tha seo a' tighinn an dèidh mar a chaidh corp fhireannaich, 19 bliadhna de dh'aois, à Farrais, a lorg ann an Uisge Èireann Disathairne.

Thòisich an iomairt gus lorg fhaighinn air Matthew Crosbie as deidh aithrisean gun robh e ann an trioblaid san uisge aig Randolph's Leap, faisg air an Lagaidh.

Bha na Poilis, na Maoir-Chladaich, an t-seirbheis smàlaidh agus heileacoptair bho RAF Inbhir Lòsaidh uile mar phàirt den iomairt a bha a' coimhead air a shon.

Buaireadh

Thuirt Poilis na h-Alba gun deach corp fhireannaich a lorg aig 09:00m Didòmhnaich ann am bàgh Inbhir Èireann.

Tha na Poilis a-niste air rabhadh a sgaoileadh nach bu chòir do dhaoine a dhol a shnàmh no a leum ann an aibhnichean gu h-àirid às deidh uisge thruim.

"Bu mhath leam na cunnartan mòra a tha an lùib aibhnichean a chur an cuimhne a' pobaill, gu h-àraid an dèidh uisge thruim," thuirt an t-Insp. Paul McCruden.

"Bidh na sruthan gu math làidir, doirbh a thomhas, agus bidh an t-uisge gu tric glè dhomhain.

"Faodaidh e cuideachd a bhith gu math nas fhuaire na shaoileadh tu, 's faodaidh rudan cunnartach a bhith fon uisge. Gabhaidh do sguabadh air falbh leis an t-sruth gu math luath.

"'S e ar comhairle dhaingeann gun a bhith air do bhuaireadh, ge b' e dè cho làidir 's a tha thu mar shnàmhadair. Na leum a-steach, 's na snàmh."