"Beatha an cunnart" san Eilean Sgitheanach

Dotair
Image caption Cho-dhùin NHS na Gàidhealtachd gur ann san Ath Leathann, 's chan ann am Port Rìgh, a bhios ospadal ùr an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse, le Port Rìgh a' call na h-uimhir de leapannan.

Tha luchd-iomairt an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a' cumail a-mach gum faod beatha dhaoine a bhith ann an cunnart le mar a tha seirbheisean slàinte san sgìre "gan crìonadh".

Cumaidh a' bhuidheann SOS NHS coinneamh phoblach oidhche Ardaoin feuch dè an taic a th' aca sa choimhearsnachd.

Tha iad diombach mu phlana NHS na Gàidhealtachd prìomh ospadal na sgìre a bhith san Ath Leathann.

Fon phlana caillidh Ospadal Phort Rìgh leapannan, agus bidh seirbheisean coimhearsnachd air an leasachadh.

Ruighinn beò

Tha an luchd-iomairt den bheachd ge-tà, gur ann air ais tha seirbheisean a' dol, agus, tha an suideachadh a thaobh seirbheis èiginnich a-mach às na h-uairean àbhaisteach gu h-àraid na adhbhar dragh dhaibh.

"Nan tachradh càil a-mach à uairean oifis, agus gu bheil thu a' fuireach ann an àite iomallach mar a tha sinne ann an seo, tha thu co-dhiù leth-uair de thìde air falbh bho charbad-eiridinn, ged a thigeadh iad cho luath 's a b' urrainn dhaibh," thuirt Neilian Mhoireach.

"Agus an uair sin, mura faod na carbadan-eiridinn stad ann am Port Rìgh, tha sin a' ciallachadh gu bheil thu an uair sin uair de thìde 's còrr bhon àm a dh'fhàgas tu taigh gun ruig thu ospadal.

"Nise, tha fhios agam gu bheil Paul Davidson air a ràdh gur e seo am "preferred historic pathway" - 's dòcha gur e, ach b' fheàrr leam fhèin ruighinn beò seach a bhith marbh nuair a ruiginn.

"Tha e follaiseach nach tug Minsitear na Slàinte Shona Robison feart air na chuir sinn thuice.

"O chionn chuir sinn tòrr fiosrachaidh thuice, ach chan eil sgeid aice cò ris a tha e coltach a bhith beò ann an àite iomallach mar seo.

"Thug i dà mhìos na bu lugha de dh'ùine a' tighinn gu co-dhùnadh mu dhèidhinn Ospadal an Eilein Sgitheanaich na thug i mu dheidhinn Ospadail Bhàideanach is Srath Spè, agus bha an gnothach tòrr nas connspaidiche ann an seo.

"Chùm iad muinntir a' chinn a tuath a-mach às a' phròiseas a bha seo on toiseach.

"Chaidh sinne dhan a h-uile conneimh a b' urrainn dhuinn as t-Samhradh seo chaidh, agus tha sinn air sgrìobhadh, 's tha sinn air ceistean a chur orra.

"Tha sinn air taic iarraidh air comhairlichean agus air Buill-Phàrlamaid, 's cha tug iad feart oirnn.

Grunn bhliadhnaichean

"Tha sinn a-niste an dòchas gun èist iad ri beachdan an t-sluaigh gu lèir.

"Tha sinn ag iarraidh cluinntinn dè na feumalachdan a th' aig daoine. Dè na suidheachaidhean a th' aca fhèin? Agus tha sinn ag iarraidh gun èist NHS na Gàidhealtachd riutha, 's gun toir iad sùil às ùr air seirbeisean slàinte na sgìre gu lèir.

"O chionn feumaidh gnothaichean a bhith nas fheàrr, 's chan e nas miosa," thuirt i.

Tha NHS na Gàidhealtachd agus Seirbheis Charbad-eiridinn na h-Alba ag ràdh gur e Ospadal an Ath Leathainn a th' air a bhith a' dèiligeadh ri cùisean èiginneach 'son grunn bhliadhnaichean far a bheil luchd-obrach agus goireasan freagarrach.

Chaidh iad às àicheadh gun deach òrdachadh do luchd-eiridinn gun a dhol a dh'Ospadal Phort Rìgh.

Ma ruigeas duine an èiginn Ospadal Phort Rìgh nì luchd-meidigeach an sin measadh air agus bheir iad seachad an cùram a tha a dhìth mus teid euslainteach a ghluasad, tha iad ag ràdh.