Noro-bhìoras a' dùnadh uard an Gallaibh

Chaidh uard ann an Ospadal Ghallaibh a dhùnadh do dh'euslaintich ùra air sgàth sgapadh de Noro-bhìoras.

Bha seachdnar a' fulang leis an tinneas.

Aig a' cheart àm dhearbh NHS na Gaidhealtachd gu bheil dachaigh-chùraim Bayview ann an Inbhir Theòrsa fhathast dùinte do dhaoine ùra an dèidh mar a thàinig an tinneas air còrr air 30 duine.

Tha dùil ri obair ghlanaidh mhòir san dachaigh-chùraim nuair a thig lùghdachadh air an àireamh de dhaoine a tha a' fulang.