Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Poileasaidh Radaigeachd

Tha àrd-oifigearan nam Poileas a' dìon poileasaidh an Riaghaltais an aghaidh radaigeachd, air a bheil an t-ainm Prevent. Tha Dal Babu - Muslamach a bha na àrd-oifigear Poilis - ag ràdh gu bheil an Riaghaltas a' cosg airgid phoblaich gun dearbhadh a bheil an sgeama èifeachdach. Thuirt e cuideachd gu bheil an fheadhainn a tha os cionn na sgeama gun eòlas ceart air Ioslam. Thuirt Sir Peter Fahy, riochdaire nan àrd-chonnstabalan, gu bheil Prevent ag obair.

Banca Lloyds

Reic an Riaghaltas luach £500m eile de na h-earrainnean ann am Banca Lloyds. Tha sin a' fàgail nas lugha na 23% de Bhuidhinn Lloyds fo smachd an Riaghaltais, a tha a-niste air còrr is £8.5bn fhaighinn air ais den £20bn de dh'airgead phoblach a chuir iad ris a' bhanca aig àirde èiginn an ionmhais.

Cìs Adhair

Tha aithisg do Phort-adhair Dhùn Èideann ag ràdh gun cruthaicheadh e 4,000 cosnadh, agus gun cuireadh e £1bn ri eaconamaidh na h-Alba air an ath-chòig bliadhna, nan deadh cìs adhair APD a ghearradh gu leth. Tha smachd air cìs APD ri ghluasad gu Pàrlamaid na h-Alba nas anmoiche air a' bhliadhna seo.

An A9

Tha co-chomhairleachadh poblach a' tòiseachadh an-diugh air an ath-ìre den phròiseact airson rathad an A9 gu lèir a thoirt gu ìre dà-fhillte eadar Inbhir Nis agus Peairt. Tha Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, ann an Dail Chuinnidh a' foillseachadh phlanaichean airson earrainn eile den rathad san sgìre sin.

Aiseagan Uibhist

Tha comhairlichean ann an Uibhist ag iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar a' cheart uimhir de strì a dhèanamh airson seirbheisean aiseig na sgìre sin 's a rinn iad airson na seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul. Thuirt Uisdean Robasdan agus Raghnall MacFhionnghain gu bheil iad toilichte gum bi tuilleadh sheòlaidhean eadar Ulapul agus Steòrnabhagh air an t-Samhradh, ach tha iad ag ràdh nach fhaigh Uibhist buannachd mhòr sam bith àsta sin.

Ospadal an Eilein Sgitheanaich

Tha luchd-iomairt ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a' cumail coinneimh phoblaich an t-seachdain seo 's iad mì-thoilichte mun atharrachadh a tha NHS na Gàidhealtachd a' toirt air seirbheisean slàinte na sgìre. Tha iad a' cur teagamh anns a' cho-chomhairleachadh phoblach a rinn am Bòrd-Slàinte mus tuirt iad gum bi ospadal ùr anns an Ath Leathann, 's tha iad ag iarraidh air Ministear na Slàinte, Shona Robison, ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' phròiseas agus na molaidhean.

Droch Shìde

Tha droch shìde a' toirt buaidh fharsainn air seirbheisean aiseig an-diugh. Cha bhi seòladh ann an Steòrnabhagh aig 2:00f, agus thèid maill cuideachd air an t-seòladh às Ulapul aig 5:30f. Chan eil seòlaidhean an-diugh nas motha eadar Ùige, an Tairbeart 's Loch nam Madadh. Tha aiseag Chaolas Bharraigh na tàmh, agus cuideachd eadar Ceann na Creige agus Ìle. Agus tha na h-uimhir eile de sheirbheisean Chal Mac air a bheil an droch shìde a' toirt buaidh. Tha am fiosrachadh air làrach-lìn Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.