Luchd-coiseachd a dhìth air Beinn Nibheis

  • Air fhoillseachadh

Tha Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abar, còmhla ri heileacoptair bhon Chabhlach Rìoghail, air a bhith a' sireadh buidheann de luchd-coiseachd a chaidh a dhìth air Beinn Nibheis.

Thuirt Poilis na h-Alba gun deach fios a chur orra an dèidh mar a thuit aon dhiubh 's iad air an còrr den bhuidhinn a chall.

Chaidh an neach a thuit a thoirt a dh'Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan.

Thathas a' tuigsinn gun robh a' bhuidheann a' leantainn slighe an luchd-turais air a' bheinn.