Gearainnean mu aiseag an Tairbeirt

  • Air fhoillseachadh
Aiseag an Tairbeirt
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dragh gu bheil daoine gan cur taobh Steòrnabhaigh, agus soitheach ùr a' ruith air an t-slighe sin.

Tha buidheann iomairt anns na Hearadh a' sireadh gealltanais bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn nach eil iad am beachd an t-seirbheis aiseig a dh'Ùige a lùghdachadh.

Tha F`oram Còmhdail na Hearadh ag ràdh gu bheil am bàt-aiseig àbhaisteach, an MV Hebrides, air a bhith air falbh fad a' Gheamhraidh, agus gu bheil aig amannan an t-seirbheis na tàmh gun adhbhar.

"Aig an àm a tha seo, chan eil sinn toilichte leis na bàtaichean a tha iad a' cur thugainn," thuirt John Murdo Moireasdan bhon bhuidhinn.

"Thug iad bhuainn an Hebrides - am bàta a chaidh a chur air dòigh airson a dhol a dh'Ùige 's Loch nam Madadh - agus tha iad ga tarraing air falbh a dh'àiteigin eile.

Steòrnabhagh

"Agus na daoine a tha a' tighinn nan àite, tha mi a' creidsinn gu bheil iad eòlach gu leòr air muir - ach chan eil iad eòlach air an turas a tha seo eadar Ùige 's Loch nam Madadh agus an Tairbeart.

"Agus chan eil cuimhne agamsa on a thòisich an aiseag a' tighinn dha na Hearadh ann an 1964, gun robh uimhir de sheòlaidhean air an cur dheth. Gu h-àraid air a' Gheamhradh a tha seo, agus o chionn dà bliadhna.

"Tha seo a-nis air tachairt, agus am-bliadhna tha e nas miosa buileach.

"Agus tha am bàta a th' ann an seo an-dràsta, agus an tè a dh'fhalbh - an Clansman - air a bhith ceangailte ris a' chidhe agus a' mhuir cho ciùin 's cho socair 's a chunna' tu riamh.

"Niste, bha buidheann de dhaoine an seo aig tiodhlacadh Dihaoine seo chaidh, agus bha iad ag iarraidh falbh air ais dhan Eilean Sgitheanach gu an dachaigh.

"Chaidh innse dhaibh gum feumadh iad a dhol a Steòrnabhagh. Cha robh adhbhar math sam bith iad a dhol a Steòrnabhagh!

"Tha sinn a' faicinn a-nis gu bheil iad a' cur ìmpidh air daoine airson cleachdadh aiseig Steòrnabhaigh seach gun do thòisich i a' ruith.

"Tha e mar gum biodh a' sàbhaladh airgid.

"Ach tha iadsan a' faighinn ghrantaichean a h-uile bliadhna airson aiseagan nach eil 's dòcha a' pàigheadh anns a' Gheamhradh, airon an cumail a' dol.

"Chan eil adhbhar math sam bith gun tigeadh cuideigin às an t-Òb, a dh'iarradh falbh gu Tìr Mòr, gum feumadh iad falbh a Steòrnabhagh agus a bhith ann uair de thìde mus fhalbh an aiseag.

"Tha sin a' cur uair de thìde gu leth air an uair a tha iad a' siubhail.

"Chan eil seo ceart, agus chan eil e gu bhith ceart, agus feumar seasamh nan aghaidh.

"Tha an t-uabhas dhaoine a' gearain an seo an-dràsta.

"Tha e mar gum biodh e a' tighinn am follais, seach gu bheil am bàta ùr a' seòladh a-mach à Steòrnabhagh, nach eil adhbhar math sam bith airson bàta a bhith a-bhos an seo.

"Tha sinn air fios a chur chun an fhir a tha os cionn nan seirbheisean air a' chosta an iar. Tha e anns an Òban, agus tha e air a bhith a' tighinn thugainn uair no dhà sa bhliadhna.

"Tha sinn air fios a chur airsan an-toiseach, ach an tig e a-nuas dhuinn gus am faigh sinn a-mach le cinnt dè tha nam beachd a thaobh aiseag an Tairbeirt.

"Agus mura bheil sin a' dol a dh'innse dhuinn an fhìrinn, uell, tha sinn an uair sin a' dol a ghairm coinneimh phoblaich ach am faigh na daoine cothrom airson bruidhinn a-mach," thuirt e.

Thuirt Còmhdhail Alba nach eil planaichean sam bith aca lùghdachadh a thoirt air an t-seirbheis eadar An Tairbeart, Ùige agus Loch nam Madadh san àm ri teachd.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhruthain gu bheil co-dhùnaidhean sam bith seòlaidhean a chur dheth gan dèanamh le sgiobair an aiseig, agus gu bheil iad gan dèanamh airson adhbharan slàinte agus sàbhailteachd a-mhàin, rud a tha air iarraidh orra san lagh.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad a' dèanamh na 's urrainn dhaibh thairis air a' Gheamhradh 'son seirbheis fhreagarrach a thoirt do luchd-siubhail a tha a' falbh eadar an Tairbeart agus Ùige, agus gum bi barrachd roghainnean aca nuair a thig an dà bhàt-aiseig ùr air a bheil iad a' feitheamh.