Dealan ga thilleadh do dhachannan
- Published
Tha luchd-einnsinnìridh ag obair gus cumhachd an dealain a thilleadh gu mu 4,100 dachaigh an dèidh droch shìde oidhche Luain.
Bha a' ghaoth aig 90 m.s.u. ann an Uibhist a Deas, 's i cho mòr ri 80 m.s.u. ann an àiteachan eile.
Chaidh carbad-toisich trèana a bha a' siubhail eadar Glaschu is Inbhir Nis taobh Obar Dheathain a mhilleadh nuair a bhuail e ann an craoibh faisg air Baile Chèith mu 7:00f.
Chaidh luchd-siubhail a thoirt air adhart air busaichean. Cha deach duine a ghoirteachadh.
Tha Scotrail cuideachd air rabhadh a thoirt gum bu maill suas gu 1:00f air seirbheisean eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse / Inbhir Ùige ri linn "bacadh" air an loidhne eadar Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain.
Thuirt SSE gun robh mu 4,500 dachaigh air a bhith às aonais an dealain. 'S ann an Inbhir Ùige, Cataibh is an t-Eilean Sgitheanach as motha a chaill daoine an dealan.
Thèid luchd-einnsinnìridh a Cholbhasa air bàta gus dealan a thilleadh gu 14 dachaigh san eilean.