MV Clansman
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairt a dhìth mu aiseagan Uibhist

10 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Feumaidh Comhairle nan Eilean Siar iomairt a cheart cho làidir a dhèanamh airson piseach a thoirt air seirbheisean aiseig Uibhist 's a rinn iad airson seibheis Steòrnabhaigh, a rèir chomhairlichean na sgìre.

Le toileachas ann an Leòdhas gum bi seolaidhean a bharrachd eadar Steòrnabhagh agus Ulapul as t-Samhradh, tha comhairlichean Uibhist ag ràdh gu bheil na h-eileanan acasan cuideachd araidh air seirbheisean nas goireasaiche.

Tha dùil gun tèid a' chùis a thogail le Ministear Còmhdhail na h-Alba nuair a thadhaileas e air Uibhist air an ath-mhìos.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.